Planaichean an ionaid cheartais gan taisbeanadh
- Air fhoillseachadh

Bidh cothrom aig muinntir Inbhir Nis sùil a thoirt air planaichean airson ionad-ceartais ùir a' bhaile Dimàirt.
Thèid na cùirtean - a tha an-dràsta stèidhichte anns an Caisteal Inbhir Nis - a ghluasad dhan làraich ùir eadar Rathad an Longman agus Rathad Bhurnett.
Leigeadh seo leis a' chaisteal a bhith air a leasachadh agus air fhosgladh dhan phoball.
Bha Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal MacMhathain ann an Inbhir Nis Diluain airson foillseachadh nam planaichean 's thuirt e gum bi an t-ionad ùr gu feum a' bhaile agus gu maith na Gàidhealtachd air fad.
Thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Eilidh NicIlleMhìcheil, gu bheil i air a dòigh gu bheil cothrom ann a-nis feum nas fheàrr a dhèanamh den chaisteal mar àite a thàlas luchd-turais.
Bidh na planaichean gan taisbeanadh ann an Ionad an Spectrum ann an Inbhir Nis eadar 2:00f agus 7:00f Dimàirt.
'S e Riaghaltas na h-Alba a mhaoinicheas am pròiseact.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 4 Am Màrt 2016