Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Apple

Tha dùil ri riaghladh bho Choimisean na h-Eòrpa an-diugh air an aonta chìsean dhan tàinig Riaghaltas na h-Èireann ris a' chompanaidh Apple agus coltas ann gun tig air Apple billeanan Euro a phàigheadh air ais. Tha an Coimisean air a bhith a' rannsachadh an tug an Riaghaltas ann am Baile Àtha Cliath faochadh mì-laghail bho chìsean do dh'Apple mu choinneimh obraichean sa chompanaidh a stèidheachadh ann an Èirinn.

Comhairlean

Coinnichidh Rùnaire nan Coimhearsnachd, Angela Constance, an-diugh ri buidhinn de chomhairlean a bhrist air falbh bho Chaidreachas nan Ùghdarras Ionadail mun dòigh anns an deach am fàgail a-mach à còmhraidhean mu bhuidseatan comhairle. Bha an Riaghaltas ag ràdh, gu ruige seo, nach bruidhneadh iad ach ri aon bhuidhinn. Ach chaidh ùghdarrsan ionadail Obar Dheathain, Ghlaschu, Rinn Friù agus Cheann a Deas Shiorrachd Lannraig gu lagh mun chùis.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach caill duine an cosnadh an aghaidh an toil 's iad am beachd cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheil iad a' toirt seachad sheirbhisean. Thèid iarraidh air Comataidh Ath-Dhealbhachaidh na Comhairle an-diugh an taic a chur ris a' phlana airson atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheil a' Chomhairle a' lìbhrigeadh còrr 's ceud seirbheis.

Luchd-imrich

Tha Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, anns an Fhraing an-diugh a' bruidhinn mu thèarainteachd agus connspaid ann mun dòigh sa bheil oifigich à Breatainn ag obair an-dràsta aig crìochan na Frainge ann an Calais. Tha dùil nach toir Ms Rudd spèis sam bith do mholadh bho fhear-poilitigs Frangach a thuirt an-dè gum bu chòir cead a bhith aig luchd-imrich air comraich iarraidh ann am Breatainn fhad 's a tha iad fhathast a' fuireach aig campaichean anns an Fhraing.

Tagradh

Tha bràthair tè a Lunnainn a fhuaras marbh aig raon goilf ann an Dùn Èideann a' dèanamh tagradh an-diugh airson fiosrachadh mun chùis, bliadhna an dèidh dhi a dhol a dhìth. Chaidh corp Saima Ahmed, a bha 36 bliadhna de dh'aois, fhaighinn aig Raon Goilf Gogarburn anns an Fhaoilleach am-bliadhna. Tha e coltach gun do dh'fhàg i a dachaigh ann an Wembley ann an Lunnainn san Lùnastal an-uiridh agus gun do ghabh i trèan a Dhùn Èideann.

Clàr-ola

Thàinig e am follais gun do bhrist mu 40 pìos air falbh bhon chlàr-ola, Transocean Winner, nuair a chaidh i air na creagan aig Dail Mòr ann an Leòdhas agus nuair a chaidh a tarraing timcheall cheann a tuath Leòdhais dhan Loch a Tuath. Tha i air acair an sin an-dràsta far a bheil sgioba ga dèanamh sàbhailte.