Blas 2016
- Air fhoillseachadh
Tha ticeadan a' reic gu math airson fèis Blas na bliadhna-seo a thòisicheas aig deireadh na seachdain seo.
Bidh an fhèis a' ruith eadar an 2na agus an 9mh là den t-Sultain le cuirmean ann an grunn àitean air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal.
Am measg an fheadhainn air an tèid urram a dhèanamh am-bliadhna tha am pìobaire Uibhisteach Rona Lightfoot 's i air aois 80 a ruighinn agus an Sgitheanach Eòin Dòmhnallach airson na rinn e airson dualchas na Gàidhlig.
Bidh cuirm a' comharrachadh obair Rona Lightfoot air a' chiad oidhche den fhèis ann an Cathair-Eaglais Inbhir Nis.
Ceòl ùr
Bidh pìos ciùil ùr cuideachd ga thaisbeanadh aig an fhèis - Beul na h-Oidhche gu Camhanaich le Màiri Anna NicUalraig agus Nick Turner.
Thuirt Stiùiriche Blas, Art MacCarmaig, gu bheil sin mar phàirt chudromach den fhèis.
"'S e feallsanachd na fèise a bhith a' toirt ceòl ùr ri chèile agus a' toirt coimisein do chuideigin sin a dhèanamh a h-uile bliadhna agus am-bliadhna tha sinn uabhasach toilichte gu bheil Màiri Anna NicUalraig agus an duine aice Nick Turner gu bhith ag obair air rud ris an canar Beul na h-Oidhche gu Camhanaich agus bidh sin a' tachairt ann an ceithir sgìrean air a' Ghàidhealtachd rè na fèise cuideachd".
'S ann ceangailte ri planaidean agus na speuran a bhios an ceòl sin.
A thuilleadh air a' cheòl bidh tachartasan ann dha teaghlaichean, cuairtean agus òraidean.
Thuirt Art MacCarmaig gu bheil e cudromach dhaibh gu bheil an fhèis air a sgaoileadh air feadh na Gàidhealtachd 's Earra-Ghàidheal.
"Ged a tha sinn a' cur tallaichean mòra mar Eden Court gu feum, tha a' mhòr-chuid de na tachartasan a' tachairt ann an coimhearsnachdan beaga".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 24 An Gearran 2016