An Transocean Winner
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

40 pìos stàilinn bho ghrunnd na mara

30 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha daibhearan air 40 pìos stàilinn a thogail far a' ghrunnd a-mach bho Thràigh Dhaile Mòr an Leòdhas, far an tàinig an clàr-ola Transocean Winner air tìr bho chionn 3 seachdainnean.

Tha an clàr fhèin air acair anns an Loch a Tuath, far a bheilear a' tomhas dè cho dona sa chaidh a mhilleadh.