Ath-chuinge bhàta-slaodaidh
- Air fhoillseachadh
Thèid ath-chuinge le còrr air 1,500 ainm a chur a-steach gu Sràid Downing an ath-sheachdain ag iarraidh gun tèid bàta-slaodaidh a stèidheachadh sa Chuan Sgìth.
Bidh Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, am measg na chuireas an ath-chuinge a-steach 's e ag ràdh gu bheil cùis an Transocean Winner a' dearbhadh cho feumach 's a tha costa an iar na Gàidhealtachd air bàta-slaodaidh.
"An ath-thrup, dh'fhaoidte nach e clàr-ola a bhios ann," thuirt Mgr MacNèill.
"Dh'fhaoidte gur e bàta le criutha agus e làn ola, agus ola throm a thigeadh air tìr.
"No dh'fhaodadh gur e bàta a bhios ann a tha làn dhaoine a thigeadh air tìr.
"Ach aon rud a tha sinn cinnteach air, chan eil àrachais mara againn, agus ma thèid cùisean ceàrr dè nì sinn ann an èiginn?
"Uell chan urrainn dhuinn a bhith a' feitheamh 18 uairean gus an tig rudeigin à Arcaibh.
"Ma tha sinne ag iarraidh bàta-slaodaidh chan eil i ann," thuirt e.