An A82 air fosgladh a-rithist
- Air fhoillseachadh
Tha fireannach ann an cunnart a bheatha san ospadal an dèidh tubaiste air Ghàidhealtachd.
Thachair an tubaist, anns an robh càr agus motar-baidhseagal an sàs, faisg air Caisteal Urchadan mu 11:15m Diciadain.
Bha an dàrna tubaist air an A82 faisg air Inbhir Moireasdan feasgar Diciadain.
Bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde fhad 's a bha na poilis a' dèanamh rannsachaidh.