Comhairle do Chroitearan Chuil Uaraich

Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Sgrìobh constabal a chaidh a chur an àite comataidh ionaltraidh ann an Col Uarach, an Leòdhas, litir gu croitearan a' bhaile a' togail air na tha esan a' faicinn ceàrr a thaobh gnothaichean a' bhaile.

Chuir Cailean Souter 14 puingean san litir.

Tha na croitearan a' cumail coinneimh seachdain Disathairne airson comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh.

Tha an constabal a' cumail coinneimh sa bhaile trì là an dèidh sin, Dimairt an 13mh là den t-Sultain, a bhruidhinn air na th' anns an litir.

Cuspairean

Tha e a' togail grunn chuspairean a tha e fhèin ag ràdh a tha cho cudromach 's nach urrainn dha an leigeil seachad, mar eisimpleir: chaidh rathad a dhèanamh gu Gearraidh Ghuirm agus chaidh fiuthaichean a chur a-mach do dhaoine air an rathad a tha sin agus bha an constabal ag ràdh nach bu chòir dhaibh a bhith air but airgid a chosg air na nithean sin, agus tha e air iarraidh air Urras Steòrnabhaigh airgead a thoirt dha na croitearan mu choinneimh an airgid a chosg iad air.

Cuideachd, thog e ceist mun airgead a thug iad dhan fhear-lagha Brian Inkster airson an dìon fhèin às dèidh dha Coimisean na Croitearachd an cur a-mach à oifis anns a' Ghiblean.

Co-dhùnaidhean ionmhais

Bha e cuideachd ag ràdh nach robh geàrr-chunntas ceart ga chumail a thaobh co-dhùnaidhean ionmhais.

Bhe e a' ceasnachadh nan suidheachaidhean a bh' ann a thaobh VAT, oir chlàr iad iad fhèin airson VAT gus am faigheadh iad VAT air ais, agus tha e a' cantainn gu bheil sin ann an làmhan àrd-fhear-lagha agus gu bheil Roinn nan Cìsean a' coimhead ris cuideachd.

Thog e ceist cuideachd mu £300 a chaidh a phàigheadh airson cosgaisean rianachd agus bha cuid de na cosgaisean rianachd co-cheangailte ri bhith a' roinn a-mach an airgid a bha an coimisean ag iarraidh orra a roinn a-mach thar nan croitearan gu lèir.

Chaidh an t-airgead sin a phàigheadh air ais ge-tà.

Bha e a' ceasnachadh cuideachd mu dè na suimeannan airgid a dh'fhaodas comataidhean a chumail anns a' bhanca, agus tha molaidhean aige fhèin mu dheidhinn sin.

Cheasnaich e obair a rinn luchd-cunntais dhan chomataidh, agus cho math agus cho soilleir 's a bha sin.

Talamh

Cheasnaich e carson a chaidh fiuth a thoirt do Bhethesda, dachaigh-cùraim is ospais ann an Steòrnabhagh, gus am biodh cothrom aca a reic airson airgead a thogail.

Bha e a' faighneachd an robh còir aca talamh a thoirt do Chluba Ball-coise a' Bhac agus raon-goilf beag ri linn 's nach tug sin airgead dhan chomataidh agus thog e ceist mun airgead a bha iad a' toirt do bhuidhnean anns a' choimhearsnachd, mar Còisir a' Bhac.

A thuilleadh air an sin, mhol e gum bu chòir dhan airgead a tha iad a' faighinn airson morghan a bhith ann an cunntas-banca air leth.

Agus, bha e a' ceasnachadh cuideachd an dòigh anns an robh sgeamaichean SRDP gan ruith.

Dìth tuigse

Thuirt buill den t-seann chomataidh ionaltraidh gu bheil tòrr de na rudan a tha e a' togail a' toirt orra smaoineachadh nach eil e a' tuisginn mar a tha coimhearsnachdan croitearachd ag obrachadh, agus mar a tha croitearan agus daoine eile beò còmhla.

Tha iad ag ràdh gum biodh tòrr de na rudan a tha e a' togail furasta gu leòr a mhìneachadh nam biodh e air a dhol a bhruidhinn riutha, agus cuiridh iad fhèin litir a-mach ag innse an taobh aca fhèin den chùis.