Gearan mu ATM anns na Hearadh

  • Air fhoillseachadh

Tha gearan anns na Hearadh mu cho tric 's a tha an t-inneal ATM aig Banca na h-Alba air an Tairbeart briste.

Bho chaidh uairean a' bhanca a ghearradh an-uiridh gu trì là san t-seachdain, tha e toirt nas fhaide airgead a chur dhan inneal nuair a tha e falamh.

'S e an aon inneal-airgid a tha air an Tairbeart agus tha Iain MacLeòid, bho Chomhairle Choimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh, ag ràdh gu bheil an suidheachadh a' toirt droch buaidh air turasachd agus an eaconamaidh.

Thuirt Banca na h-Alba gu bheil fios aca gu bheil trioblaidean air a bhith ann leis an inneal thairis air na mìosan a dh'fhalbh, agus gun cuir iad innleadairean dha na Hearadh nas trice airson cùisean a leasachadh.