A' Mharc-Innis air clàr bochdainn

Marc-Innis

Chaidh a' Mharc-Innis an Inbhir Nis ainmeachadh mar thè de na sgìrean as miosa dheth an Alba.

Às dèidh dhaibh faisg air 7,000 àite a sgrùdadh, chuir seirbheisich chatharra pàirt den Mharc-Innis anns an 35mh àite airson bochdainn.

Bha e anns an 32mh àite ann an 2012.

Tha an clàr ga dhèanamh le bhith a' coimhead ri teachd-a-steach, cosnaidhean agus slàinte.

A thaobh slàinte, bha an sgìre den Mharc-Innis ris an deach coimhead air a meas mar an 14mh sgìre bu mhiosa ann an Alba.

Bha pàirtean de dh'Inbhir Ghòrdain agus Inbhir Ùige anns a' 5% a bu mhiosa airson bochdainn cuideachd.

'S e Ferguslie Park ann am Pàislig an sgìre as miosa dheth ann an Alba a rèir a' chlàir, a th' air fhoilllseachadh a h-uile ceithir bliadhna.

Thuirt Rùnaire nan Coimhearsnachdan, Angela Constance, gun dèan i a dìcheall coimhearsnachdan a th' air a bhith a' fulang le bochdainn a chuideachadh, ach bha i ag ràdh gun toir e ùine, gu h-àraid air sgàth nan gearraidhean a tha Riaghaltas Westminster a' cur an sàs agus a' bhòt airson an EU fhàgail.