Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha am Prìomh Mhinistear, Theresa May, os cionn coinneimh shònraichte a' chaibineit an-diugh a dheasbad mar a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Chaidh iarraidh air ministearan an Riaghaltais beachdachadh air dè dh'iarradh iad dha na roinnean aca fhèin às na còmhraidhean. Thuirt a' Bhean-phòsta May, a rinn iomairt airson fuireach anns an EU, nach eil dol air ais ann agus gu bheil Brexit a' ciallachadh Brexit. Thuirt i nach cuir i Artaigil 50, am pròiseas oifigeil airson falbh às an Aonadh Eòrpach, an sàs am-bliadhna.

Siria

Thuirt na Stàitean Aonaichte gu bheil iad fhathast a' tomhas buaidh nan ionnsaighean adhair ag amas air fear de dh'àrd-chomanndairean na Stàit Ioslamaich ann an Siria. Thuirt IS gun deach Abu Muhammad al-Adnani, a bha a' gairm ionnsaighean air an taobh siar, a mharbhadh.

Fògarraich

Thuirt maoir-chladaich na h-Eadailte gun deach cobhair a dhèanamh air còrr 's 10,000 fògarrach anns a' Mhuir Mheadhan-Thìrich air an trì latha mu dheireadh. Thuirt oifigich anns an Eadailt gur ann do dh'Eritrea a bhuineas a' mhòr-chuid a shiùbhail a Libia ann am bàtaichean beaga.

Col Uarach

Sgrìobh an constabal a chuir Coimisean na Croitearachd os cionn Chomataidh Ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas gu croitearan a' bhaile le liosta de rudan a tha esan a' faicinn ceàrr. Tha na croitearan a' cumail coinneimh seachdain Disathairne airson comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh. Tha an constabal a' cumail coinneimh sa bhaile trì làtha an dèidh sin, Dimàirt an treas latha deug den t-Sultain, a bhruidhinn air na chuir esan na litir.

Bàta-slaodaidh

Thèid athchuinge le còrr 's 1,500 ainm gu Sràid Downing an ath-sheachdain ag iarraidh air Riaghaltas Westminster bàta-slaodaidh a stèidheachadh anns a' Chuan Sgìth a-rithist. Bheir buill SNP na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an Westminster an athchuinge a Lunnainn Dimàirt seo tighinn.

An Tairbeart

Tha gearan anns na Hearadh air cho tric 's a tha inneal an ATM aig Banca na h-Alba air an Tairbeart briste. Bhon a chaidh uairean a' bhanca a ghearradh an-uiridh gu trì latha san t-seachdain, tha e a' toirt nas fhaide airgead a chur dhan inneal nuair a tha e falamh. 'S e an aon inneal airgid a tha air an Tairbeart agus tha Iain MacLeòid, bho Chomhairle Choimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh, ag ràdh gu bheil e a' toirt droch bhuaidh air turasachd agus eaconamaidh na sgìre. Thuirt Banca na h-Alba gur aithne dhaibh mu na trioblaidean le inneal an Tairbeirt air na mìosan mu dheireadh agus gus nach lean an suidheachadh sin gum bi iad a' cur einnseanairean dha na Hearadh nas trice.