An lìog dha na Lochan
- Air fhoillseachadh

Tha na Lochan air Lìog Leòdhais is na Hearadh 2016 a bhuannachadh.
Bha an tiotail a' crochadh air a' gheama oidhche Chiadain eadar an Rubha is na Lochan ann an Garrabost, is an dà sgioba co-ionnan aig mullach na lìge.
Chaidh na Lochan air thoiseach às dèidh 25 mionaidean le tadhal bho Jim O'Donnell.
Bha sin car cruaidh air an Rubha, a bha air tòiseachadh gu math, is bha iad co-ionnan ro lethach slighe, Andaidh Moireach leis an tadhal.
Bha làmh an uachdair aig na Lochan san darna leth, is thàinig an tadhal cudromach bho Dhàibhidh Mac a' Mhaolain.
Chrìochnaich an geama 2-1 is na Lochan a' cumail grèim air an tiotail 'son seusan eile.
Bidh cothrom aca a-nise Cupa Leòdhais a bhuannachadh cuideachd Disathairne nuair a chluicheas iad an aghaidh Chàrlabhaigh.