Pàipear bho chroitearan Chuil Uaraich

Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Tha cuid de na croitearan ann an Col Uarach an Leòdhas air pàipear fhoillseachadh a' freagairt phuingean a thog an conastabal a chuir Coimisean na Croitearachd dhan bhaile an àite na comataidh ionaltraidh.

Tha iad a' fàgail air a' chonastabal fhèin nach do rinn e a dhleastanas a thaobh obair ionaltraidh a' bhaile.

Chualas Diciadain mar a bha an constabal, Mgr Cailean Souter, air 14 puingean a thogail a bha esan a' faicinn ceàrr a thaobh mar a bha cùisean gan ruith leis an t-seann chomataidh ionaltraidh.

Tha croitearan a' bhaile fhathast a' ceasnachadh dè an seasamh laghail a th' aig a' chonastabal co-dhiù, agus carson a chaidh a' chomataidh ionaltraidh a chur ma sgaoil.

Puingean

Thuirt na croitearan anns a' phàipear aca gu bheil grunn de na puingean a thog Mgr Souter dhan toir iad freagairt gu math dìreach.

Mar eisimpleir, thog Mgr Souter ceist mu mar a chaidh fiu a thoirt do Bhethesda airson gum faigheadh iad air a reic airson airgead a thogail.

Tha croitearan ag ràdh gur e Urras Steòrnabhaigh, leis a bheil fearann na sgìre, a dh'aontaich ri sin, agus gun do dh'aontaich na croitearan ris cuideachd.

Thog an constabal cuideachd ceist mu mar a chaidh airgead a chosg air rathad a-mach a Ghearraidh Ghuirm, ach tha na croitearan ag ràdh nach do chosg iadsan sgillinn air an rathad sin.

Tha iad ag ràdh gur e airgead a bh' ann a thug comhairlichean na sgìre dhaibh, agus gun do chuir Comhairle nan Eilean Siar an aon shuim ris a' phròiseact cuideachd, agus mar sin nach do chosg e sgillinn do na croitearan.

Tha na croitearan ag aideachadh gun tug iad £100 do dh'ionmhas a' charragh-chuimhne, agus cuideachd do Chòisir Òg a' Bhac, ach tha iad ag ràdh gur e rud a tha sin a tha croitearan air a bhith a' dèanamh air feadh nan eilean.

VAT

Thog an constabal cuideachd ceist mu inbhe VAT na comataidh, agus chaidh e gu àrd-fhear-lagha agus gu Roinn nan Cìsean mu dheidhinn seo.

Thuirt na croitearan gu bheil iad air a bhith clàraichte airson VAT airson iomadh bliadhna, agus gu bheil comataidhean ionaltraidh eile sna h-eileanan clàraichte airson VAT cuideachd.

A' freagairt ceist mu iad a bhith a' pàigheadh airson comhairle laghail, thuirt na croitearan gum feumadh iad comhairle laghail fhaighinn an dèidh don Choimisean an cur a-mach às oifis.

Agus a thaobh mar a thug a' chomataidh talamh do sgioba ball-choise a' Bhac, thuirt iad gur e rud a bh' ann a bh' air feum mòr a dhèanamh don choimhearsnachd, agus gun deach a h-uile càil dheth sin a dhèanamh le aonta a' mhòr-chuid de na croitearan.

Obair Rianachd

Chaidh £300 a phàigheadh do bhean chlàrc a' bhaile airson obair rianachd a dhèanamh, agus thog an constabal ceist mu mar a chaidh am pàigheadh sin aontachadh.

Bha an obair-rianachd ceangailte ri obair a chuir an Coimisean air na croitearan, a thaobh a bhith a' roinn a-mach airgid a' bhaile am measg chroitearan a rèir dè an sumadh a bh' aca air an talamh ionaltraidh.

Ach thuirt na croitearan gun deach sin aontachadh aig coinneimh de na croitearan leis gun tug an obair rianachd iomadach là agus obair mhòr, agus gun robh iad den bheachd gun robh e ceart an t-airgead a thoirt seachad, 's gun deach a phàigheadh air ais co-dhiù.

Dleastanas

Tha na croitearan cuideachd a' cumail a-mach nach deach obair na comataidh ionaltraidh a choileanadh leis a' chonstabal an dèidh don Choimisean a chur nan àite.

Tha iad a' faighneachd an do lìon e a-steach na foirmichean IACS dhan bhaile 's an cur air falbh; tha iad a' faighneachd an do chuir e a dh'iarraidh airgid airson sgeamaichean SRDP; tha iad a' faighneachd an do dh'obraich e a-mach cuin a bu chòir dha na beathaichean a bhith air an leigeil a-mach air feadh a' bhaile a Shamhradh 's a Gheamhradh.

Cuideachd bha iad a' faighneachd an robh e air cumail air airson na croitean a chlàradh dhan 30 croitear sa bhaile a bh' air aontachadh gun dèanadh am baile sin dhaibh.

Bha iarrtasan ann cuideachd airson fiuthaichean bho chupaill a bha ag iarraidh a thighinn a dh'fhuireach dhan bhaile agus taighean a thogail ann, 's tha na croitearan a' faighneachd an do rinn an constabal sin.

Cuideachd tha na croitearan a' faighneachd carson nach robh e air a dhol às dèidh Choimisein na Croitearachd airson airgead fhaighinn air ais a bh' aig a' chomataidh ri phàigheadh a-mach do chroitearan, agus Ministear na Croitearachd, Fearghas Ewing, a-nise ag ràdh nach leigeadh iad a leas a bhith air sin a dhèanamh ma bha a' mhòr-chuid air aontachadh gun cumadh a' chomataidh an t-airgead sin.

Tha iad cuideachd a' faighneachd, leis gu bheil mòran bhailtean a' dèanamh an aon sheòrsa rud, carson nach deach càil a dhèanamh orrasan.

Cumaidh na croitearan coinneamh Disathairne 10mh an t-Sultain far an tèid comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh.

Cumaidh an uair sin an constabal coinneamh sa bhaile air 13mh an t-Sultain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo