Teagamh a bharrachd mu Dhùn Deòrsa

Dùn Deòrsa Image copyright Thinkstock

Tha teagamh a bharrachd ann mu na tha an dàn do ghearastan an airm aig Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis.

Thuirt an SNP gun d' fhuair Ball-Pàrlamaid na sgìre, Drew Hendry, litir o Rùnaire an h-Alba, Dàibhidh Mundell, ag ràdh nach b' urrainn dha gealltanas a thoirt seachad gun leanadh an làrach mar ghearastan airm.

Thuirt am BPA Fearghas Ewing nach robh an litir ach a' cur ris a' mhì-chinnt a th' ann mun dùn, a thogadh às dèidh Bliadhna Theàrlaich.

'S ann ann a tha am Freacadan Dubh stèidhichte. Thuirt Mgr Mundell san litir aige nach robh cunnart sam bith ann don bhattalion.

"Bheir ro-innleachd ciallachaidh Mhinistreachd an Dìon sùil air Oighreachd an Dìon air feadh na Rìoghachd Aonaichte air fad, ag amas air oighreachd nas lugha ach nas èifeachdaiche agus nas seasmhaiche a chruthachadh," thuirt Mgr Mundell.

"Cleachdar sàbhalaidhean a nìthear san dòigh seo gus comasan an airm a leasachadh.

"A chùm seo, chaidh na h-uimhir de cho-dhùnaidhean gun tèid làraichean a dhùnadh fhoillseachadh mar thà.

"Cuidhteas"

"Tha e coltach gun tèid cuid de làraichean ann an Alba a shaoradh airson cuidhteas fhaighinn dhiubh mar phàirt den phlana nas fharsainne, agus dùil ri aithisg dheireannaich nas fhaide am-bliadhna, ach chan urrainn dhomh gealltanas sam bith a thoirt co-dhiù bi Dùn Deòrsa na phàirt dheth seo gus am bi an aithisg ullamh."

Thuirt Mgr Ewing gum bu chòir gun lean Dùn Deòrsa na ionad airm.

A' bruidhinn air BBC Radio Alba, thuirt Mgr Ewing: "Mar bhall na roinne Pàrlamaid sa bheil Dùn Deòrsa, tha mi den bheachd gum bu chòir gun lean e mar dhachaigh dhan Fhreiceadan Dubh.

"Tha am moladh seo bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun toirear lùghdachadh a bharrachd air dìon àbhaisteach, saoilidh mise, iongantach dha-rìribh. Is coltach nach eil maoineachadh ann ach dha Trident."

Coinnichidh ceannard Comhairle na Gaidhealtach ris an MoD mun chùis air an ath-mhìos.

Thuirt Mairead NicDhàibhidh gu bheil a' Chomhairle mar thà air fios air chur a dh'ionnsaigh an Riaghaltais, ach gu bheil a a-nise airson argamaid làidir a dhèanamh aodann ri aodann.