Comhairle dha luchd-frithealaidh a' Mhòid

Bonn òr

Chaidh iarraidh air daoine a bhios a' siubhail dha Mòd nan Eilean Siar an ath-mhìos tiocaidean bus is aiseig a chur air dòigh cho luath 's a ghabhas.

Bidh am Mòd ann eadar an 14mh is 22na den Damhair.

Thuirt a' chomataidh ionadail gu bheil iad air an dòigh gum bi uimhir a' siubhail dha na h-eileanan.

Trang

Thuirt iad ge-tà, ged a tha sia seachdainean ri dhol gus am bi a' chuirm fhosglaidh ann, gum bi aiseagan trang dha-rìribh.

Dh'iarr iad fhèin, CalMac, Poilis Alba is Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air daoine tiocaidean a cheannach ro-làimh, agus a bhith an làthair aig na puirt tràth air an là siubhail.

Thuirt iad cuideachd gu bheil e riatanach dha daoine a tha an dùil siubhail air a' bhus eadar Inbhir Nis is Ulapul tiocaidean a cheannach ro-làimh.

Gealltanas

Thuirt Cathraiche Comataidh Ionadail Mòd nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil gealltanas ann gum bi seirbheisean aiseig a bharrachd ann ma bhios feum orra, ach gum feum CalMac fios a bhith aca cia mheud a tha am beachd siubhail.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach cuideachd gu bheil an deasachadh a' leantainn air thoiseach air a' Mhòd.

Thuirt e ma tha duine ann a bhiodh deònach cuideachadh gum bu chòir dhaibh fios a chur air oifis a' Chomainn Ghàidhealaich ann an Steòrnabhagh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile