Seile is Aora an Cupa MhicAmhlaidh

Garry Mac a' Phearsain Image copyright SNS
Image caption Tha Garry Mac a' Phearsain is Inbhir Aora air Cupa MhicAmhlaidh a thogail ann an 2001, 2008 is 2009. Tha Ceann Loch Seile ag amas air a bhuannachadh 'son a' chiad uair.

Thèid Ceann Loch Seile an aghaidh Inbhir Aora san Òban Disathairne 'son tè de na duaisean as cliùtiche ann an iomain.

Chaidh Cupa MhicAmhlaidh a stèidheachadh an 1946 le deasaiche an Oban Times, Flora NicAmhlaidh.

Bha i a' faireachdainn gun robh àite ann son duais eile, nuair a bha Cupa na Camanachd is Cupa an t-Sutharlannaich seachad.

B' ann san Òban a bha an fharpais stèidhichte bho thùs.

Rinn Baile Ùr an t-Slèibh a' chùis 4-1 air Baile a' Chaolais sa chiad chuairt dheireannaich an 1947.

'S iomadh cuairt dheireannach a bh' ann bhon uairsin, ach seo a' chiad turas a bhios Ceann Loch Seile is Inbhir Aora air coinneachadh aig an ìre seo den fharpais.

Tha Ceann Loch Seile air a bhith ag obair a dh'ionnsaigh seo fad ghrunn bhliadhnaichean a-nise.

Bhuannaich iad Lìog Tuath 1 ann an 2011 is tha iad a-nise stèidhichte sa Phrìomh Lìog, is iad a' dol a-steach dhan gheama seo san treas àite san lìog.

Fhuair iad aithne shònraichte cuideachd nuair a riochdaich na bràithrean MacRath - Fionnlagh, Cè is Iain - Alba an aghaidh Èirinn san aon bhliadhna.

'S e soirbheachas anns na cupanan an rud as motha nach do rinn Seile fhathast.

Ràinig iad iar chuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 2012 ach chaill iad 3-1 ri Inbhir Aora.

Bha coltas ann nach robh Seile buileach deiseil an uairsin, ach rinn iad tòrr nas fheàrr am-bliadhna nuair a ràinig iad an ìre sin den fharpais a-rithist.

Ged a rinn Baile Ùr an t-Slèibh a' chùis 2-1 air a' cheann thall, bha làmh an uachdair aig Seile tràth sa gheama is iomagain am measg chluicheadairean a' Bhaile Ùir.

Ghabh Seile grèim làidir air meadhan na pàirce, ged nach do chruthaich iad 's docha cothroman gu leòr.

Aithreachas

Bhiodh aithreachas air Ceann Loch Seile nach do ghabh iad brath air sin, ach sheall iad comasan eile san dàrna leth nuair a thill iad air ais dhan gheama às dèidh dhaibh a dhol 0-2 air deireadh.

Chum iad a' dol is abair gun robh Baile Ùr an t-Slèibh toilichte fideag an rèitire a chluintinn aig deireadh a' gheama.

Thug Seile na h-uimhir de mhisneachd às a' gheama, ma-tha, is a' bhuille as motha, 's dòcha, gun deach Connor Cormack a ghoirteachadh.

Tha Cormack air diofar mòr a dhèanamh aig a' chùl bho ghluais e bhon Mhanachainn aig toiseach na bliadhna, is bidh Seile ga ionndrainn Disathairne.

Tha Seile air an Gearasdan, na Sgitheanaich is Lòbhat a chur a-mach gus an ìre seo a ruighinn.

Ma tha Ceann Loch Seile air tighinnn air adhart bhon iar-chuairt dheireannaich sin ann an Cupa na Camanachd ann an 2012, chaidh Inbhir Aora an t-slighe eile.

Iongantach

Chaill iad geama iongantach 6-5 ri Ceann Loch Seile sa chuairt dheireannaich, geama a chomharraich deireadh linne dha Inbhir Aora.

Tha iad air a bhith a' togail sgioba ùr bhon uairsin, is thuit iad a-mach às a' Phrìomh Lìog an-uiridh.

Tha cuid de na seann laoich fhathast ann, leithid Dùghlas Dando, Dàibhidh Mac a' Phearsain, Dàibhidh Robasdan is Garry Mac a' Phearsain.

Còmhla riutha a-nise ge-tà, tha sreath de dheugairean.

Nam measg tha am fear-glèidhidh, Scott MacLachlainn, a choisinn duais sàr-chluicheadair nuair a rinn Caol Bhòid a' chùis air Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach am-bliadhna.

Tha cuideachd na bràithrean Ross is Lewis MacGumaraid à Srath Chura air cliù a chosnadh dhaibh fhèin am-bliadhna, ged a bhios Lewis a dhìth Disathairne is e air a làmh a ghoirteachadh a' cluiche dhan Cheann a Deas aig ìre fo 21 an t-seachdain seo chaidh.

Tha Friseal Watt cuideachd air bristeadh troimhe am-bliadhna, fear a tha a' cur ann an cuimhne dhaoine Garry Mac a' Phearsain nuair a bha e fhèin nas òige.

Ri taobh Watt san loidhne-aghaidh bidh Ailean Dòmhnallach, a tha air gluasad bhon chùl dhan aghaidh am-bliadhna.

Chuir an Dòmhnallach an tadhal a rinn a' chùis air Camanachd an Òbain 3-2 sa chiad chuairt, is chuir e na trì a chuir Caol Bhòid a-mach 3-2 san iar-chuairt dheireannaich, mus deach a chur dheth e fhèin.

Bidh Ceann Loch Seile misneachail gu bheil an là aca air tighinn is gu bheil iad deiseil a-nise tè de na duaisean mòra a bhuannachadh 'son a' chiad uair.

Tha iad aig ìre nas àirde, le sgioba nas eòlaiche, is bidh iad 'son a' chlach-mhìle seo a ruighinn an-dràsta is iad a' gluasad dhan phàirc ùir ghleansaich aca an ceartuair.

Tha Inbhir Aora fhathast ri ath-thogail, is dh'fhaodadh gu bheil a' chuairt dheireannach seo a' tighinn ro thràth dhan ghinealach ùr.

Canaidh iad ge-tà, gu bheil sgioba sam bith a chuireas an t-Òban is Caol Bhòid a-mach airidh air urram, is dh'fhaodadh gu bheil am measgachadh de shean is òg a th' aca an-dràsta ag obair.

Tòisichidh an geama aig Pàirc Mossfield aig 2:00f Disathairne is bidh e beò air BB2 Scotland bho 1:45f.

Cluinnear an geama cuideachd beò air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 1:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile