Thèid an clàr-ola dhan Tuirc
- Air fhoillseachadh

Chaidh dearbhadh gun tèid an Transocean Winner a chur dhan Tuirc air soitheach a bhios a' giùlain luchdan mòra.
Dhearbh riochdaire an Riaghaltais san iomairt, Uisdean Seathach, gur e sin a thachras.
Tha an clàr-ola an-dràsta san Loch a Tuath às dèidh do sgioba-saoraidh a thoirt far sgeir ann an Dail Mòr an t-seachdain seo chaidh.
Bha e ga shlaodadh dhan Tuirc sa chiad dol a-mach nuair a chaidh e air na creagan ann an Leòdhas ann an stoirm.
Faisg
Às dèidh dhan chlàr a bhith air a thoirt far nan creagan is a chur dhan Loch a Tuath, nochd beachd gum bu chòir a thoirt às a chèile ann an gàradh faisg air làimh.
Bha faireachdainn ann nach biodh Àranais freagarrach, ach thathas a' tuigsinn gun robhas a' coimhead ri Ciseorn, Bàgh an Eige no Harland and Wolff ann am Béal Feirste.
Tha fios a-nise gun tèid an clàr dhan Tuirc, far a bheil an t-uabhas de chlàran-ola gam bristeadh às a chèile.
Soitheach mhòr
Ghabhadh soitheach mhòr a chleachdadh 'son a ghluasad dhan Tuirc.
Bithear a' cur soitheach fo chlàr, is tancaichean ballaiste na soithich gan cleachdadh an uairsin 'son an clàr a thogail is a thoirt air bòrd.
Dh' fhaodadh gum bi feum an Transocean Winner a thoirt a-mach às an Loch a Tuath airson doimhneachd gu leor fhaighinn airson a chur air bòrd an t-soithich.
'S dòcha gun tachair seo ro dheireadh na mìos, ged nach eil cinnt air sin fhathast.
Coinneamh
Thuirt Uisdean Seathach gum bi coinneamh phoblach ann 'son fios a chumail ris an t-sluagh nuair a thèid là na h-obrach a stèidheachadh.
Thuirt e gu bheil e follaiseach gu bheil ùidh mhòr aig a' choimhearsnachd sa chlàr-ola, is gu bheil e tuilleadh is toilichte coinneamh eile a chur air dòigh.
Tha daoine fhathast gan casg bhon sgìre far an robh an clàr aig Dail Mòr, is far a bheil e san Loch a Tuath.
Chan eil an casg a' bualadh air an tràigh fhèin aig Dail Mòr, ach tha rabhadh ga thoirt seachad nach deach na pìosan air fad den chlàr a lorg fhathast.
Chaidh iarraidh air daoine a lorgas dad, fios a chur air na maoir-chladaich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Lùnastal 2016
- Air fhoillseachadh23 An Lùnastal 2016
- Air fhoillseachadh24 An Lùnastal 2016