Sàcramaidean Caitligeach gan eadar-theangachadh

  • Air fhoillseachadh
Baisteadh

Dh'iarr Easbaig Earra-Ghàidheal agus nan Eilean air Mgr Ross Crichton, a tha an-dràsta na shagart ann am Beinn nam Fadhla, eadar-theangachadh gu Gàidhlig a dhèanamh, 'son a' chiad uair, air na seachd sàcramaidean Caitligeach, agus eadar-theangachadh ùr den Aifreann.

Tha Mgr Ross Crichton a' fàgail Beinn nam Fadhla a dh'aithghearr 'son gluasad a dh'Èirisgeigh mar phàirt de dh'atharrachadh san sgire-easbaig.

Thòisich an t-Easbaig ùr Brian McGee sa Gearran am-bliadhna, agus e a' cur taic ris a' Ghàidhlig bhon toiseach.

"Tha mi an dòchas a' Ghàidhlig ionnsachach mi fhèin a dh'aithghearr, a dhol an ceann ùrnaigh," thuirt e.

"Ach cuideachd, tron t-seachdain, dh'ainmich mi Maighstir Ross Crichton a dhol os cionn eadar-theangachadh na Liotuirge, gu h-àraid na Sàcramaidean, eadar-theangachadh ùr den Aifreann, on Laideann dhan Ghàidhlig, agus sàcramaidean eile cuideachd leithid Baisteadh, Daingneachadh, Pòsadh, Ungadh nan Euslainteach.

"Bhiodh e math a bith a' coimhead ri beatha chreidmheach san fharsainneachd. Na h-ùrnaighean a ghabhas daoine, agus 's dòcha leabhraichean ùrnaigh ùraichte a bhith againn sa Ghàidhlig," thuirt e.

Tha Caitligich air fàilte a chur air na naidheachd gum faighear na Sàcramaidean sa Ghàidhlig san àm ri teachd.

"Nì e diofar dhomhsa o chionn 's ann sa Ghàidhlig a tha mi a' smaointinn agus 's ann sa Ghàidhlig a tha mi ag ùrnaigh," thuirt Neilina NicAonghais.

"Nì e diofar mòr dhomhsa, ach chan eil fhios agam dè mu dheidhinn, can, an dà ghinealach fomham. An dèan e diofar mòr dhaibhsan?

"Ach air an làimh eile, tha a' chlann a th' ann an-diugh, 's ann san sgoil Ghàidhlig a tha iad. 'S cò aige a tha fios? Dòcha gun dèanadh e diofar mòr.

"Tha mi an dòchas gun dèan e diofar mòr," thuirt i.