Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd

Chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, iomairt às ùr airson neo-eisimeileachd air bhonn an-diugh. Thuirt i aig òraid ann an Sruighlea gu bheil deasbad ùr a dhìth air suidheachadh na h-Alba an dèidh na bhòt airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Thèid iarraidh air ballrachd an SNP a dhol a-mach air feadh Alba a dh'iarraidh beachd an t-sluaigh air referendum eile air àite na h-Alba san Rìoghachd Aonaichte. Tha a nàimhdean poileataigeach ag ràdh gun dèan tuilleadh mì-chinnt cron air an eaconamaidh.

Eaconamaidh na h-Alba

Tha aithisg bhon aonadh GMB ag ràdh nach dèanadh eaconamaidh na h-Alba a' chùis às aonais chùmhnantan airson soithichean a thogail dhan Chabhlach Rìoghail. Tha seo an dèidh dhan GMB iarraidh air Institud Fraser of Allander tomhas a dhèanamh air luach na roinne sin den eaconamaidh. Tha an GMB ag ràdh gu bheil an gnìomhachas sin an Alba seachd searbh sgìth de a bhith ga chleachdadh mar bhall-coise poileataigeach.

Clàr-ola

Thèid an clàr-ola a chaidh air na creagan air taobh siar Leòdhais a thoirt dhan Tuirc ro dheireadh na mìos seo airson a chur às a chèile. Tha an Transocean Winner air acair an-dràsta san Loch a Tuath air taobh sear Leòdhais, agus thèid soitheach sònraichte leathach fon uisge a chleachdadh airson an clàr a ghluasad dhan Tuirc.

Florida

Tha staid èiginn ann am Florida an dèidh do Hurricane Hermine tighinn air tìr an sin le làn àrd agus stoirm. Chaidh iarraidh air muinntir prìomh bhaile na stàite, Tallahassee, gluasad gu fearann nas àirde.

Clann Fhògarrach

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte faisg air 400 leanabh a th' ann an campaichean fògarrach ann an Calais anns an Fhraing a leigeil a-steach a Bhreatainn. Tha e coltach gu bheil teaghlach aig mòran dhiubh sin ann am Breatainn mar thà. Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil iad am beachd 150 duine-cloinne a thoirt às an Fhraing am-bliadhna.

Dùn Deòrsa

Coinnichidh Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Màiread Davidson, ri Ministear Dìon na Rìoghachd Aonaichte, Mìcheal Fallon, air an ath-mhìos, agus dragh ann gum faodadh Ministreachd an Dìon Gearastan Deòrsa, faisg air Inbhir Nis, a dhùnadh mar ionad airm. Thug fear de bhuill na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Drew Hendry, ath-chuinge mun chùis le còrr is 4,000 ainm gu Sràid Dhowning an t-seachdain seo chaidh.

Ruith Phoileas

Tha duine an tha 23 bliadhna de dh'aois fo chasaid mu bhàs ghille, 10 blaidhna de dh'aois, agus antaidh dha an dèidh do chàr air an robh poilis an tòir bualadh annta ann an ceann an ear-dheas Lunnainn Diciadain. Tha Joshua Dobby fo chasaid gun do mharbh e Makayah McDermott agus Rosie Cooper le dràibheadh cunnartach.