Taigh Inbhir Iù fosgailte

  • Air fhoillseachadh
Taigh Inbhir Iù

Dh'fhosgail Taigh Inbhir Iù air Taobh Siar Rois dhan phoball 'son a' chiad uair a-riamh às dèidh deich mìosan de dh'obair-càraidh.

Tha an taigh stèidhichte ann an Gàraidhean ainmeil Inbhir Iù.

Chaidh a thogail anns na 1930an le Màiri Sawyer, nighean Osgood MhicChoinnich, a bha air na gàraidhean a stèidheachadh anns na 1860an.

Ged a bha na gàraidhean a' tàladh luchd-tadhail bho chionn fhada, cha robh an taigh fosgailte.

Air a' cheann thall bha an togalach ann an droch staid.

Leasachadh

Chaidh £2m a chosg air obair-leasachaidh thairis air deich mìosan.

Bha e na dhùbhlan dhan luchd-togail, ach tha iad a-nise air an taigh a chur air ais cha-mhòr mar a bha e anns na 1930an.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba, aig a bheil an oighreachd, an dòchas gum faigh luchd-tadhail den a h-uile aois toileachas às.

"Tha sinn air beatha às ùr a thoirt dhan taigh aig cridhe nan gàraidhean," thuirt manaidsear Oighreachd is Ghàraidhean Inbhir Iù, Caoimhin Frediani.

"A bharrachd air, seach a bhith prìobhaideach, tha e a-nise fosgailte dhan t-sluagh, 's e eachdraidh a' tighinn beò a tha seo", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh