Urram dhan Chomunn

Bonn òr

Chaidh meala naidheachd a chur air a' Chomunn Ghàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba is a' bhuidheann 125 bliadhna de dh'aois am-bliadhna.

'B ann an 1891 a chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh san Òban.

'S e an obair as motha a th' aca am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chur air dòigh.

Tha obair mhòr a' dol aig a' bhuidhinn an-dràsta is Mòd nan Eilean Siar gu bhith ann air an ath-mhìos.

Aithne

Tha aithne a-nise aca aig Holyrood.

'S i am ball Gàidhealach, Ceit Fhoirbeis, a chuir an gluasad air adhart ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt i gum bu chòir dhan Phàrlamaid aithneachadh obair mhòr a' Chomuinn a thaobh litreachas, eachdraidh, ceòl is ealain na Gàidhlig, agus na buannachdan eaconamach a tha a' tighinn an lùib a' Mhòid.

"Chòrd e rium, mar a chòrd e ri tòrr chloinne ann an Alba, a bhith a' farpais sa Mhòd ionadail, is an uairsin a bhith a' coimhead an tàlant aig a' Mhòd nàiseanta.

"Tha mi a' guidhe gach soirbheachas dhan Chomann Ghàidhealach san obair aca anns an ath-125 bliadhna", thuirt i.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Steòrnabhagh eadar an 14mh is an 22na den Damhair.

Comhairle

Thàinig comhairle bhon chomataidh ionadail an t-seachdain seo.

Thuirt iad gum bi aiseagan trang dha-rìribh.

Dh'iarr iad fhèin, CalMac, Poilis Alba is Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air daoine tiocaidean a cheannach ro-làimh, agus a bhith an làthair aig na puirt tràth air an là siubhail.

Thuirt iad cuideachd gu bheil e riatanach dha daoine a tha an dùil siubhail air a' bhus eadar Inbhir Nis is Ulapul tiocaidean a cheannach ro-làimh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile