Del ❤ Kelly ga ionndrainn an Ulapul

A' chreag is an teachdaireachd Image copyright Google
Image caption A' chreag mus deach a glanadh.

Chaidh iarraidh air a' bhuidhinn Bear Scotland graffiti ri taobh rathaid air a' Ghàidhealtachd a chur air ais mar a bha e bho thùs.

Nochd an teachdaireachd "Del ❤ Kelly" air creig ri taobh an A835 faisg air Ulapul uaireigin anns na 1970'an.

Thathas a' tuigsinn gun do ghlan Bear Scotland, air a bheil dleastanas 'son an rathaid, a' chreag an toiseach às dèidh gearain bhon phoball.

Cha robh an gnothach seachad aige sin.

Thàinig orra a dhèanamh a-rithist is cuideigin air an graffiti a chur air ais.

Tha ath-chuinge a-nise air nochdadh air an làraich change.org a tha ag iarraidh air Bear Scotland an sgrìobhadh a chur air ais agus fhàghail.

Image caption Teachdaireachd a nochd air an A835 ann an Ulapul an-uiridh

'S e "Del ♥ Kelly! Give the Highlands some love on the rocks! BEAR Scotland, show some heart!" a tha air an ath-chuinge.

Tha an ath-chuinge cuideachd ag ràdh gum bu chòir dèiligeadh ri trioblaidean nas bunaidiche air na rathaidean na sgrìobhadh air creagan.

Thuige seo tha còrr is 250 duine air an ainm a chur ris.

Bha Ulapul am measg nan ceann-naidheachd a thaobh sgrìobhadh den t-seòrsa seo an-uiridh.

Nochd teachdaireachd le droch-chainnt ri taobh toll air an A835 sa bhaile.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd aig an àm nach bu chòir graffiti a chleachdadh 'son fios a chur orra mu thuill san rathad.

Chan eil e follaiseach a bheil gaol fhathast aig Del air Kelly.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile