Fionnlagh MacIain a' buannachadh na Bràiste Òire

  • Air fhoillseachadh
Fionnlagh MacIain a' togail na Bràiste Òire
Fo-thiotal an deilbh,
Fionnlagh MacIain a' togail na Bràiste Òire

'S e Fionnlagh MacIain à Glaschu a bhuannaich a' Bràist Òr aig farpais phìobaireachd Cruinneachadh a' Chinn a Tuath.

Tha Fionnlagh air a bhith eòlach air ceòl na pìoba bho bha e na bhalach òg.

Thòisich e ag ionnsachadh na pìoba aig 8 bliadhna a dh'aois le sheanair, Alasdair Mac na Ceàrdaich, nuair a bhiodh e a' cur seachad samhraidhean còmhla ris ann an Tiriodh

An uairsin bhiodh e a' faighinn teagaisg bho Ronnie McShannon, agus tha chun an latha diugh.

Bhuannaich màthair Fhionnlaigh, Anne, am bonn airgid - 's i a' chiad bhoireanach a rinn sin, agus tha athair, Tommy, na dhrumair soirbheachail.

Teagasg

Chuir Fionnlagh seachad ceithir bliadhna le Còmhlan Pìoba Sgìre Inbhir Aora fo Mhàidsear na Pìoba, Stuart Liddell, agus ron an sin bha e còmhla ri Còmhlan Pìoba Spiorad na h-Alba fo Mhàidsear na Pìoba, Ruairidh MacLeòid.

Tha e a-nise a' teagasg aig Ionad na Pìobaireachd ann an Glaschu, ach ron an sin bhiodh e a' dèanamh ribheidean agus bha e cuideachd na innleadair meacanaigeach.

Dhan òigridh 's e Fionnlagh Camshron a bhuannaich an fharpais fo aois còig bliadhna deug agus Eàrdsaidh Drennan a thàinig am bàrr san fharpais fo ochd bliadhna deug.