Eachdraidh dha Ceann Loch Seile

Ceann Loch Seile

Tha tè de phrìomh dhuaisean na h-iomain aig Ceann Loch Seile 'son a' chiad turas nan eachdraidh is iad air Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh 5-3 an aghaidh Inbhir Aora.

Ged a bha làmh an uachdair aig Seile cha mhòr tron gheama air fad, 's e dà thadhal anns na mionaidean mu dheireadh a rinn a' chùis dhaibh air a' cheann thall.

Thòisich iad gu làidir is bha cothrom aig Iain MacRath sa bhad, cothrom a chuir e seachad air a' phost.

Cha robh Ceann Loch Seile a' feitheamh mòran nas fhaide, Cè MacRath a' drilleadh a' bhuill seachad air Scott MacLachlainn bho astar às dèidh 5 mionaidean.

Bha buille mhòr ann an uairsin dha Inbhir Aora is Garry Mac a' Phearsain a' dol dheth is e air a dhroch ghearradh mun aodann.

Cothrom

Bha Scott MacLachlainn a' cumail Inbhir Aora sa gheama aig an ìre seo ach cha robh cothrom aige 'son an darna tadhal le Jordan Friseal is Iain MacRath a' fosgladh sgioba Earra-Ghàidheal is am Frisealach a' slaiceadh a' bhuill dhan lìon.

Bha Inbhir Aora cianail fortanach a bhith dìreach 2-0 air deireadh - ach ann am priobadh na sùla bha iad co-ionnan.

Tha Ailean Dòmhnallach air feum mòr a dhèanamh bho ghluais e bhon chùl dhan aghaidh am-bliadhna, is thug e dòchas dha Inbhir Aora le tadhal bho astar às dèidh 34 mionaidean.

Sa bhad chaidh am ball air ais dhan Dòmhnallach is chuir e air adhart e dha Friseal Watt.

Dhanns an deugaire seachad air Dàibhidh Falconer is le slaic, àrd, chumhachdach dhan lìon bha Inbhir Aora air ais aig 2-2.

Doirbh

Feumaidh gun robh e doirbh dha Ceann Loch Seile creidsinn na bha e air tachairt ach chum iad a' dol, is chaidh iad air ais air thoiseach ann an ùine a chaidh a chur ris a' chiad leth.

'S e Jordan Friseal a-rithist a rinn milleadh air Inbhir Aora, oidhirp àlainn bhuaithe seachad air MacLachlainn.

Lean an darna leth san aon dòigh le Inbhir Aora air an glacadh san leth aca fhèin is oidhirpean a' frasadh a-steach air MacLachlainn òg.

Chum e a-mach iad, is nuair a fhuair Inbhir Aora mu dheireadh thall sìos dha ceann eile na pàirce, chaidh Lewis MacNeacail a shlaodadh gu làr le John Don MacCoinnich.

Dhrill Watt an slaic-pheanais seachad air Scott Ceannadach is bha na sgiobaidhean co-ionnan aig 3-3 is 70 mionaid air a' chleoc.

Stad

Bha cothrom aig Inbhir Aora an uairsin a dhol air thoiseach, an Ceannadach a' cur stad air oidhirp bhon Dòmhnallach is Aora air Seile fhosgladh gu tur.

Le deich mionaidean air fhàgail, ghluais Ceann Loch Seile air thoiseach 4-3.

'S e Oliver MacRath a fhuair an tadhal, oidhirp ìosal seachad air MacLachlainn.

Trì mionaidean às dèidh sin bha an gnothach seachad, Oliver MacRath a' cur a' bhuill a-steach dha Cè MacRath a stiùir e dhan lìon.

Chrìochnaich an geama 5-3 dha Ceann Loch Seile is eachdraidh ga dhèanamh, a' chiad dhuais aig àrd ìre bho chaidh an cluba a th' ann an-diugh a stèidheachadh ann an 1958.

Bristeadh-dùil

'S e bristeadh-dùil a bh' ann dha Inbhir Aora, ach bha iad airidh air moladh 'son mar a chum iad a' dol ann an geama nuair a bha làmh an uachdair aig Seile tron fheasgar.

Bidh iad air am misneachadh gu sònraichte le mar a chluich dithis nach eil ach 18, Scott MacLachlainn is Friseal Watt.

Cha robh teagamh nach robh Ceann Loch Seile airidh air a' chupa, is gu dearbh bidh ceist orra carson nach robh ach dà thadhal eadar na sgiobaidhean air a' cheann thall.

Thèid iad dhan phàirc ùr aca an ath-sheusan le Cupa MhicAmhlaidh aca.

Tha an sgioba fhathast an ìre mhath òg, is bidh iad ag amas a-nise air barrachd dhuaisean anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile