Dithis Choimiseanairean dha na h-Eileanan?

  • Air fhoillseachadh
CroitearachdTùs an deilbh, Hazel Smith

Dh'fhaodadh gum bi coimiseanair croitearachd fa-leth a' riochdachadh Uibhist is Bharraigh bhon ath-bhliadhna.

Bidh na taghaidhean ann airson Coimisean na Croitearachd sa Mhàrt agus tha toradh co-choimhairle air a' chuspair a' moladh crìochan ùra a stèidheachadh airson nan taghaidhean.

Tha cuideachd molaidhean ann a thaobh cò a dh'fhaodas bhòtadh, agus àrdachadh sna dh'fhaodas tagraichean a chosg air na h-iomairtean aca.

An-dràsta 's iad roinnean taghaidh a' Choimisein Sealtainn, Arcaibh is Gallaibh, Taobh Sear na Gàidhealtachd, Taobh Siar na Gàidhealtachd, agus Iar-Dheas na Gàidhealtachd.

Chaidh trì roghainnean a chur air adhart anns a' cho-chomhairle, le tè aca a' moladh cùisean a chumail mar a tha iad.

B' e am moladh a fhuair an taic a bu mhotha, dà roinn a chruthachadh sna h-Eileanan Siar - Uibhist ia Barraigh, agus Leòdhas is na Hearadh.

Thathas a' cur air adhart gu bheil mar a tha barrachd chroitearan sna h-Eileanan Siar na tha ann an sgìre sam bith eile, ach, a thuilleadh air sin, gu bheil dualchas croitearachd eadar-dhealaichte ann an Leòdhas is na Hearadh seach ann an Uibhist is Barraigh.

Dh'fhàgadh sin Arcaibh is Sealtainn ann an aon roinn, Cataibh is Gallaibh còmhla, an t-Eilean Sgitheanach agus Siorrachd Rois mar roinn eile, le Earra-Ghàidheal, Inbhir Nis agus Loch Abar san roinn eile.