Graffiti ga chur air ais

An graffiti ùr Image copyright Noel Hawkins

Chaidh graffiti, a chaidh a ghlanadh far creige ri taobh an rathaid mhòir faisg air Ulapul, a chur air ais.

Chuireadh an graffiti, a tha ag ràdh "Del ♥ Kelly" ris a' chreig ri taobh an A835 anns na 1970an, ach fhuair a' chompanaidh a tha an urra ris an rathad, Bear Scotland, gearain mu dheidhinn, 's pheant iad thairis air.

Chaidh ath-chuinge a thòiseachadh ag iarraidh gun deadh a chur air ais mar a bha e, 's gum bu chòir don chompanaidh aire a thoirt do rudan nas cudromaiche.

Dh'aontaich Bear gun dragh a ghabhail mun ghraffiti an uair sin, agus chaidh a pheantadh air ais goirid an dèidh sin.

Chan eil fhios cò chuir air ais e.

Chan eil fhios nas motha cò a bh' ann an Del agus Kelly, no a bheil gràdh aige fhathast dhi.

Image copyright Noel Hawkins
Image caption Chaidh peantadh thairis air a' ghraffiti dà thuras