Turas Bhreatainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Turas Bhreatainn a tòiseachadh an Glaschu

5 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich rèis baidhsagail an Tour of Britain am meadhan baile Ghlaschu Là na Sàbaid, le na farpaisich a' deànamh orra sìos a Chaisteal Dùghlais.

'S e Andre Greipel às a' Gheamaillt a' bhuannaich a' chiad earrainn agus Mark Cavendish a' tuiteam aig an oisean mu dheireadh.

'S e seo an treas turas a tha an rèis air tòiseachadh ann an Glaschu, agus bhruidhinn Ailean MacLeòid ri dithis, Kerry agus Ciorstaidh Nic a' Phì, a bha gu math toilichte na rionnagan mòra fhaicinn faisg air làimh.