Aonta dìomhair mu airgead rathad Inbhir Nis

Tesco faisg air an rathad ùr. Image copyright JThomas / Geograph

Rinn Comhairle na Gàidhealtachd agus a' chompanaidh Tesco aonta laghail dìomhair gus nach tèid innse gu poblach na thachair ann an argamaid eatorra a thaobh airgead dha Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis.

Dh'aontaich Tesco roimhe £340,000 a phàigheadh a dh'ionnsaigh na pròiseict.

Dhiùlt iad an t-airgead a thoirt seachad air a' cheann thall is iad ag ràdh gun deach an t-aonta a bhriseadh le Comhairle na Gàidhealtachd leis nach deach crìoch a chur air an rathad a rèir a' chlàr-ama a bh' ann.

Ann an 2001, dh'innis a' chompanaidh gun cuireadh iad airgead ris a' phròiseact nam biodh e deiseil ann an 2011.

Buaidh

Thuirt Tesco gun tug an dàil droch bhuaidh air a' bhùth aca ri taobh Loch Nis.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir dhan chompanaidh a phàigheadh air adhbharan moralta.

Tha an dà thaobh air a bhith ag argamaid mun ghnothach thairis air na trì bliadhna a dh'fhalbh.

Cha chanadh taobh seach taobh an deach rèite a ruighinn, is thathas a' tuigsinn gun deach aonta lagha a chur an sàs gus nach tèid dad a bharrachd a ràdh gu poblach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile