Coinneamh croitearachd an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Caoraich

Bidh coinneamh ann an Inbhir Nis Dimàirt far am bi riochdairean na croitearachd a' beachdachadh air suidheachadh a' ghnìomhachais agus tha e coltach gun tèid ceist nan comataidhean ionaltraidh a thogail a-rithist.

Tha am fear-lagha Brian Inkster fhathast a' faighneachd carson a tha an constabal a chuir Comisean na Croitearachd a Chol Uarach ann an Leòdhas, a' ceasnachadh carson a bha a' chomataidh ionaltraidh sin, a chaidh a chur ma sgaoil, clàraichte airson VAT.

Thuirt an constabal gun robh e air comhairle àrd-fhear-lagha fhaighinn air a' chùis.

Tha còmhraidhean a' dol le Roinn nan Cìsean mun ghnothach.

Tha Mgr Inkster, a th' air a bhith a' riochdachadh trì comataidhean ionaltraidh a chuir an Coimisean às an dreuchdan, ag ràdh nach e gnothach a' Choimisein e a bhith a' togail cheistean den t-seòrsa seo.

Tha e a' faighneachd cò a fhuair comhairle bho àrd-fhear-lagha, agus cò a phàigh air a son.

Tha Mgr Inkster ag ràdh, ma 's e an Coimisean a phàigh air a son, gum bu chòir do Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba coimhead ri mar a tha iad a' cosg an cuid airgid.

Cha robh an constabal ag iarraidh càil a ràdh mun ghnothach.

Ach thuirt an Coimisean gun robh iadsan a' togail bheachdan agus comhairle bho iomadach àite a thaobh nan riaghailtean agus na comhairle a tha iad a' cur fa chomhair nan comataidhean ionaltraidh airson an cuideachadh le an obair.