Poilis draghail mu dheugaire on Mhanachainn

  • Air fhoillseachadh
Olivia NimmoTùs an deilbh, Police Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Chunnacas Olivia Nimmo mu dheireadh ann am meadhan baile Inbhir Nis Disathairne.

Tha na Poilis air a' Ghàidhealtachd a' sìor fhàs draghail mu dheugaire a tha a dhìth bho a dachaigh ann an Cill Targlain, faisg air a' Mhanachainn.

Chunnacas Olivia Nimmo, 16, mu dheireadh ann am meadhan baile Inbhir Nis mu thràth diathaid Disathairne.

Bha dùil gun deadh i air bòrd bus a Ghlaschu an là sin, 's i gu bhith a' tilleadh Didòmhnaich.

Thuirt na Poilis gur dòcha gun deach i a thadhal air caraidean ann an Springburn ann an Glaschu, no ann an Wishaw ann an Siorrachd Lannraig.

Tha caraidean aig Olivia cuideachd ann an Gleann Rathais ann am Fìobha.

Thuirt labhraiche do na Poilis: "Thathas a' sìor fhàs draghail mun deugaire, agus tha oifigich ag iarraidh air duine sam bith aig am faodadh fiosrachadh a bhith a thaobh càite a bheil i, no duine a chunnaic nighean a tha a' tighinn a rèir a cunntais choltais, fios a chur air Poileas Alba.

"Tha Olivia mu 5'6" de dh'àidre, 's i caol, bàn le sùilean gorma. Tha falt dìreach bàn-donn gu a guailnean.

"Nuair a chunnacas mu dheireadh i bha briogais jeans oirre, geansaidh curagach dorcha-liath, agus lèine bhàn le amhaich "halter", agus brògan trèanaidh dubha le sàiltean geala."