Athchuinge ETV ga toirt seachad
- Air fhoillseachadh
Chaidh athchuinge a tha ag iarraidh gun tèid bàta-slaodaidh èiginn (ETV) a stèidheachadh às ùr air a' chosta an iar a thoirt seachad aig Westminster.
Chaidh am bàta a bh' ann a tharraing ann an 2012 mar phàirt de ghearraidhean an Riaghaltais.
Chan eil ach aona bhàta-slaodaidh èiginn ann an Alba a-nise, is e stèidhichte ann an Arcaibh.
Chaidh a chur a Leòdhas às dèidh dhan Transocean Winner a dhol air na creagan aig Dail Mòr san Lùnastal.
Cunnartan
Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil an tubaist sin a' sealltainn nan cunnartan a th' ann.
Chuir còrr is 1,500 duine ainm ris an athchuinge.
'S e dithis chomhairlichean às na h-Eileanan an Iar, Rae MacCoinnich is Gòrdan Moireach, a stèidhich e.
"Nuair a chaidh crann-ola air tìr aig tràigh Dhail Mhòir, bha sinn ochd uair deug mus tàinig bàta-slaodaidh à Arcaibh", thuirt Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a bha am measg na thug seachad an athchuinge aig Westminster Dimàirt.
"Ma dh'fhaoite nach biodh i air mòran diofar a dhèanamh air a' chrann-ola a bha sin, ach chan eil fios againn dè an èiginn a bhios ann an ath-thuras.
Tèarainte
"Tha mi a' smaointinn gu bheil an rud a thachair a' sealltainn dhuinn nach eil tèarainteachd is àrachas mara againn airson dèanamh cinnteach gum bi sinn cho sàbhailte 's a dh'fhaodadh sinn a bhith", thuirt e.
A dh'aindeoin aithrisean gun robh Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich mar thà air co-dhùnadh nach tèid bàta-slaodaidh a thilleadh dhan chosta an iar, thuirt Mgr MacNèill gun lean an iomairt.
"Tha mi an dòchas gun toir e orra coimhead gun robh iad fortanach aig an àm a bha seo nach robh cùisean nas miosa na bha iad.
"Cha robh dòigh aca cladaichean a dhìon agus fhuair iad às leis ann an dòigh, ach ma dh'fhaoidte nach bi iad cho fortanach a-rithist", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 8 An Lùnastal 2016
- 30 An Dàmhair 2014