Àrd-Stiùiriche a' Choimisein a' fàgail a dreuchd

Coimisean na Croitearachd

Dh'innis Coimisean na Croitearachd gu bheil àrd-stiùriche na buidhne a' fàgail a dreuchd.

Thèid Catriona NicIllEathain gu obair ùr le Riaghaltas na h-Alba.

Bidh i ag obair ann an Roinn nan Coimhearsnachdan Dùthchail.

Thuirt i gur e urram a th' ann dhi obair aig ìre nas àirde a ghabhail.

Connspaid

Tha connspaid air Coimisean na Croitearachd a chuairteachadh anns na mìosan a chaidh seachad.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle nuair a chuir an Coimisean constabalan an àite chomataidhean ionaltraidh ann am Mangurstadh is Col Uarach ann an Leòdhas.

Tha comataidh ann am Mangurstadh a-rithist a-nise, ach tha eas-aonta a' leantainn ann an Col Uarach.

Aig cridhe a' bhuairidh, bha stiùireadh ùr bho Choimisean na Croitearachd gum bu chòir airgead chomataidhean ionaltraidh a bhith air a sgaoileadh am measg bhall.

Litir

Ann an litir a chunnaic am BBC, thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, ri Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, nach robh an Riaghaltas idir ag aontachadh leis an t-seasamh sin.

Thuirt Mgr Ewing san litir nach eil an lagh a' ciallachadh gum feum airgead nam bailtean a sgaoileadh, is gur e beachd Mhgr Cheannadaich fhèin a bha sin.

Thuirt Mgr Ewing gun robh an Riaghaltas a' faicinn glè bheag de bhrìgh is susbaint ann am beachdan Mhgr Cheannadaich air a' chùis.

Bha iomagain air Mgr Ewing, thuirt e, gur dòcha gun deach co-dhùnaidhean a ghabhail le Coimisean na Croitearachd gun chead a' bhùird.

Aonta

Às dèidh coinneimh goirid às dèidh dhan litir nochdadh gu poblach, thuirt fear de na coimiseanairean, Murchadh MacIllInnein, gu bheil an Coimisean ag aontachadh ri Mgr Ewing.

Thàinig an uairsin molaidhean ùra bhon Choimisean air mar a bu chòir do chomataidhean ionaltraidh dèiligeadh rin cuid ionmhais.

Aig coinneimh aig Caidreachas nan Croitearan ann an Leòdhas san Lùnastal, chuir a' mhòr-chuid de chroitearan a bha an làthair taic ri moladh bhon Chaidreachas gum bu chòir dha Cailean Ceannadach a dhreuchd fhàgail.

Tòisichidh Catriona NicIllEathain na dreuchd ùr san Damhair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile