Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Foghlam

Tha foghlam aig meadhan na tha Riaghaltas na h-Alba a' cur romhpa san ath-ràith ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bidh gealltanas aig a' Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, feasgar an-diugh gun tèid 29 sgoiltean a thogail às ùr air neo a leasachadh air a' bhliadhna seo tighinn.

Keith Vaz

Thèid iarraidh air a' Bhall-Phàrlamaid Làbarach, Keith Vaz, a dhreuchd fhàgail an-diugh mar chathraiche air Comataidh Thaghte Chùisean na Dùthcha, an dèidh aithrisean ann am pàipearan-naidheachd mu a bheatha phrìobhaidich. Tha Mgr Vaz a' coinneachadh ri buill na comataidh sin an-diugh agus coltas ann mura falbh e fhèin gum bi bhòt cion-earbsa ann na aghaidh.

Bàta-slaodaidh

Thèid athchuinge gu Riaghaltas Westminster an-diugh ag iarraidh an dàrna bàta-slaodaidh a-rithist air a' chosta an iar. Chuir còrr 's 1,500 an ainm ris an athchuinge an dèidh dhan chlàr-ola, Transocean Winner, a dhol air na creagan ann an Leòdhas bho chionn ghoirid. Bha tug stèidhichte ann an Steòrnabhagh gus an do chuir an Riaghaltas co-bhanntachd ann an Westminster às dhi bho chionn trì bliadhna, a' fàgail dìreach aon tug stèidhichte ann an Arcaibh do cheann a tuath na h-Alba air fad.

Sports Direct

Gheall Sports Direct gun atharraich cùmhnant do luchd-obrach bho uairean gun chinnt gu uairean stèidhichte. Dh'iarr a' chompanaidh cuideachd an leisgeul a ghabhail airson mar a chaidh dèiligeadh ri luchd-obrach aig an stòr mhòr aca ann an Derbyshire. Bha an t-aonadh Unite ag ràdh gun robh luchd-obrach an sin le eagal am beatha gun cailleadh iad an cosnadh.

Aonta Dìomhair

'S e tuigse a' BhBC gun tàinig Comhairle na Gàidhealtachd agus Tesco gu aonta laghail airson fiosrachadh a chumail dìomhair co-cheangailte ris an aimhreit eadar iad mu rathad connspaideach ceann an iar Inbhir Nis. Bha Tesco air tarraing a-mach à aonta gun cuireadh iad £340,000 ri cosgais na h-obrach sin leis gun robh iad mì-thoilichte mu dhàil anns a' phròiseact.

Colaistean

Tha stailc am measg luchd-obrach aig seirbheisean taice ann an colaistean na h-Alba an-diugh. Tha an t-aonadh Unison ag iarraidh, air a' char as lugha, àrdachadh pàighidh de £450 sa bhliadhna dhaibh, mar a fhuair luchd-teagaisg. Thuirt Unison gu bheil an stailc a' toirt buaidh air clasaichean aig feadhainn de na colaistean.