BBC Naidheachdan

Achd Croitearachd ùr "a dhìth"

Published
image copyrightHazel Smith
Tha feum air achd ùr croitearachd airson dèiligeadh ris a' chonnspaid agus buaireadh a tha a' cuairteachadh Coimisein na Croitearachd.
Sin beachd a nochd aig Fòram na Croitearachd ann an Inbhir Nis Dimàirt.
A rèir a' chomhairlaiche Leòdhasaich Dòmhnall Crichton, 's e lagh ùr an aon dòigh gus na riaghaltean a shoilleireachadh a thaobh chomataidhean ionaltraidh.
"Tha sinn a' faicinn gu bheil feum air lagh ùr a bhios a' cuideachadh, mar eisimpleir, daoine òga a thighinn a-steach a chroitearachd," thuirt e.
"'S tha sinn a' coimhead ri cur air adhart sgeama inntrigidh ùir a bheir misneachd dha daoine òga a thighinn a-steach.
"Tha sinn a' coimhead cuideachd ri ath-leasachadh a dhèanamh far a bheil duilgheadasan aig comataidhean ionaltraidh.
"Bha Aithisg Shucksmith, bho chionn iomadach bliadhna, a' dèanamh mholaidhean gum biodh comataidhean ionaltraidh air an neartachadh 's air am brosnachadh airson ath-leasachadh a dhèanamh anns na sgìrean aca 's tha sinn a' coimhead sin a chur air adhart cuideachd dhan mhinistear," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Àrd-Stiùiriche a' Choimisein a' fàgail a dreuchd