Graonlainn gu Gàidhealtachd

An dithis a' tighinn air tìr ann an Diùrnais Image copyright Henry Hunt

Dh'iomair dithis fhireannach caidheag à Graonlainn agus Tìr Mòr na Gàidhealtachd.

Thug Olly Hicks agus George Bullard mu shia seachdainnean air an turas 1,200 mìle (1,931cileamaitar).

Bha an dithis airson sealltainn gun gabhadh an turas dèanamh ann an caidheagan air an dèanamh de chraicinn ròn agus fiodh cladaich anns an 17mh agus an 18mh Linn.

B' e sgeulachd mar a thàinig fear Inuit air tìr faisg air Obar Dheathain, ann an caidheag anns na 1700an.

Bhàsaich am firearannach goirid an dèidh sin, agus e claoidhte.

Tha a' chaidheag san tàinig an duine air tìr a-niste ann fo chùram Oilthigh Obar Dheathain.

Tha aithrisean eachdraidheil ann cuideachd de Inuit, air an do ghabhar Finmen, a' tighinn air tìr ann an caidheagan ann an Arcaibh.

Thòisich Olly agus George ann an Graonlainn san Ògmhìos, a' dèanamh air Innis Tìle an toiseach, 's an uair sin ag iomramh thar raoin den chuan air a bheileas a' gabhail "Ùrlar Dannsaidh an Dìobhail" gu ruige nan Eileanan Fàrach.

B' e Rònaigh a Tuath a' chiad phàirt de dh'Alba a ràinig iad.

Thàinig an turas aca gu crìch Didòmhnaich nuair a thàinig iad air tìr aig Tràigh Bhaile na Cille ann an Diùrnais, Dùthaich MhicAoidh.

Thuirt Mgr Hicks, a bhuineas do Shuffolk ann an Sasainn, gun robh an dithis aca sgìth, ach air an dòigh gun do chrìochnaich iad an turas.