Àrd-Stiùiriche a dhìth "gu luath"

Coimisean na Croitearachd

Thuirt am fear-lagha a tha a' fàgail air Coimisean na Croitearachd gun robh iad a' dèiligeadh gu mì-laghail ri comataidhean ionaltraidh ann an Leòdhas, gum feum Àrd-Stiùiriche ùr a bhith ainmeachadh dhan bhuidhinn gun dàil.

Dh'fhàg Catriona NicIllEathain an obair aig a' Choimisean an dèidh trì bliadhna, agus i a' gabhail obair aig Roinn nan Coimhearsnachdan Dùthchail.

Chaidh i às àicheadh gur ann ri linn a' bhuairidh 's na connspaid a th' air an Coimisean a chuairteachadh o chionn ghoirid a tha i a' fàgail.

Chaidh càineadh mòr a dhèanamh air a' Choimisean an dèidh dhaibh comataidhean baile ann am mangurstadh agus Col Uarach a chur às an dreuchdan.

Tha am fear-lagha Brian Inkster, a tha ag obair gu sònraichte a thaobh lagh na croitearachd, ag ràdh gu bheil Àrd-Stiùiriche ùr a bhith air an ainmeachadh san aithghearrachd riatanach airson trioblaidean na buidhne a chur ceart.

"Saoilidh mi gur truagh mar a tha Catriona a' fàgail aig an àm seo, oir, gu follaiseach, tha tòrr chonnspaid ann mu na tha an Coimisean air a bhith a' dèanamh le comataidhean ionaltraidh," thuirt Mgr Inkster.

"Tha gu leòr den chonnspaid sin stèidhichte air coimiseanairean, seach stiùirichean.

"Gu dearbha, chaidh a dhearbhadh tro iarrtasan saorsa fiosrachaidh nach do rinn iad rudan a dh'innis Catriona dhaibh a dhèanamh.

"Mar sin dheth, saoilidh mi gum feum iad coimhead gu cruaidh ri cuideigin fhaighinn a-steach gu luath, a chuireas smachd air an t-suidheachadh, 's a chuireas ceart am bùrach anns a bheil iad," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo