Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thòisich rannsachadh aig Westminster a tha a' coimhead air a' bhuaidh a bheir a' bhòt airson Brexit air gnìomhachas an iasgaich. 'S iad Comataidh Cumhachd 's Àrainneachd Thaigh nan Cumantan a tha a' tional an fhiosrachaidh. An-diugh fhathast, tòisichidh Comataidh nan Cùisean Albannach an Taigh nan Cumantan an rannsachadh acasan air an àite a th' aig Alba san Roinn Eòrpa.

Caidreachas na Croitearachd

Tha Caidreachas na Croitearachd ag ràdh gu bheil e cudromach gun tèid ceannard làidir fhastadh san aithghearrachd do Choimisean na Croitearachd. Tha an t-Àrd-Oifigear, Catriona NicIllEathain, a' fàgail a' Choimisein airson obair ùr leis an Riaghaltas, 's i ag ràdh nach eil gnothach aig a' bhuaireadh a tha a' cuairteachadh a' Choimisein ris a' cho-dhunadh. Rinn Cathraiche a' Chaidreachais moladh air an obair a bh' aig Catriona NicIllEathain mar Àrd-Oifigear a' Choimisein, agus i ag ràdh nach beag an iomagain a th' air a' Chaidreachas 's i gu bhith a' fàgail na buidhne.

Croitearachd

Tha fear de Chomhairlichean nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil achd croitearachd ùr a dhìth ri linn a' bhuairidh a tha a' cuairteachadh Choimisean na Croitearachd. Thuirt Dòmhnall Crichton gur e seo an aon dòigh na riaghailtean a thaobh chomataidhean ionaltraidh a shoilleireachadh agus daoine òga a bhrosnachadh sa ghnìomhachas. Bha e a' bruidhinn aig Fòram na Croitearachd ann an Inbhir Nis an-dè.

Oighreachd a' Chrùin

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a ràdh a-rithist gum bu chòir cumhachdan Oighreachd a' Chrùin a shìneadh a-mach gu na h-ùghdarrasan ionadail, mar a mhol Coimisean Mhic a' Ghobhainn. Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air buidheann eadar-amail a stèidheachadh airson na cumhachdan a roinn. Ann am brath-naidheachd, tha Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ag ràdh nach bu chòir dha sin ach a bhith eadar-amail, agus e a' moladh sgeama pìleat a chur an sàs le na cumhachdan fo smachd nan Comhairlean, 's gum faodadh sin a bhith na mhodal airson a chur an sàs gu h-iomlan.

Barlinnie

Tha an àireamh phrìosanach ann am Barlinnie an Glaschu a chaidh a dhìteadh air casaidean drabastachd air èirigh cha mhòr a cheithir uimhir ann an còig bliadhna. Tha 20% de na prìosanaich ann nan eucoraich dhrabasta a dh'fheumar a chumail fa leth bho fhireannaich eile. Tha cuid de phrìosanaich nas sine, 's a' cur feum air seirbheisean sòisealta mar a tha daoine a' faighinn anns a' choimhearsnachd.

Sports Direct

Tha luach earrannan na companaidh Sports Direct air tuiteam an-diugh. Tha a' chompanaidh a' cumail na coinneimh bhliadhnail aca. Tha iad air rabhadh a thoirt mu thràth gu bheil dùil ri crìonadh anns na prothaidean aca sa bhliadhna a tha romhainn. Tha dùil ri coinneimh shradagaich 's a' chompanaidh fo chuideam mhòr a thaobh mar a thathas air a bhith a' dèiligeadh ris an luchd-obrach. Tha iad air sreath de leasachaidhean obrach fhoillseachadh ron choinneimh an-diugh.