An Obair Làitheil

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba

Tha an samhradh a' tighinn gu crìch agus tha a' Phàrlamaid air tilleadh.

Às dèidh na Fèille, chithear fuidheill an luchd-turais fhathast air a' Mhile Rìoghail, ach mean air mhean tha iad a' gèilleadh don luchd-poileataigeach.

Air a' chiad latha air ais às dèidh fosadh an t-Samhraidh, chuir Nicola Sturgeon a clogaid bhuidhe oirre, agus i airson teachdaireachd an latha a chur an cèill le ìomhaigh agus facail.

B' e a' bhrìgh ach gu bheil am prìomh mhinistear deiseil a dhol air ais a dh'obair agus gu bheil a sùil air an dreuchd a tha roimhpe.

Aig cridhe na dreuchd sin tha eaconomaidh na dùthcha agus toirt oirre fàs.

Às dèidh a' crathaidh a lean air reifreann an Òg-mhìos, tha Ms Sturgeon a' cumail a-mach gu bheil grèim iarrann aice air an t-stiùir.

Ceist

Bu choltach, is dòcha, gun robh dragh oirre gum b' fheudar dhi sin a dhearbhadh.

Is e casaid nan dùbhlanach nach eil a h-aire air an obair-làitheil o dh'èirich ceist na neo-eisimeileachd a-rithist as dèidh mar a bhòt an Rìogachd Aonaichte airson Bhrexit, Alba na aghaidh.

Tha am prìomh mhinistear a' dol as àidhcheadh sin.

An-dè, fhoillsich i 14 bile a thèid a sgrùdadh leis a' phàrlamaid thar na bliadhna roimhpe.

Agus bha gnìomhan eile gus spionnadh a thoirt don eaconamaidh, nam measg sgeama luach £500m a bheireadh cothrom don riaghaltas seasamh air cùl iasaid do ghnìomhachas, gu h-àraid companaidhean beaga.

Bidh taic a dhìth oirre airson sin an dà chuid bho na buill aig Taigh an Ròid ach cuideachd bho Roinn an Ionmhais aig Whitehall.

Cumhachd

Gheibh Ms Sturgeon taic airson tòrr anns a' chlàr seo.

Tha bile, mar eisimpleir gus dèiligeadh ri fòirneirt anns an dachaigh agus fear a dhèanadh na b' fhasa do dhaoine a dh'fhuilling mì-chleachdadh mar phàistean ceartas fhaighinn.

Dhearbhadh cuideachd gun tèid bile a thoirt air adhart am bliadhna a bheir cumhachd ùr do na h-Eileanan.

Agus, mar a ghealladh, bidh bile air bochdainn cloinne, a chruthaicheas targaidean airson a lùghdachadh.

Ach tha connspaid gu leòr air fàire air cur as do chìs luchd-siubhail itealain, deuchainnean bun-sgoile agus an oidhirp gus tomhas eadar boireannaich agus fireannaich a thoirt do bhùird phoblach.

Cha stad a' chonnspaid an sin, ge-tà.

Gearan

A bharrachd air an 14 bile, bha fear eile, na dhreach a-mhàin.

Sin am bile gus reifreann eile a chumail air neo-eisimeileachd, mas e breith an riaghaltais nach eil dòigh eile ann gus toil a' phobail anns an bhòta Eòrpaich a thoirt gu buill.

Anns an t-seòmar an-dè, dh'iarr Ceannard nan Tòraidhean Ruth Davidson air Nicola Sturgeon darna refreann a thoirt far a' bhùird, ag ràdh gun robh sin a' dol an aghaidh gach oidhirp aice airson an eaconamaidh a chur am feabhas.

Thog an Làbarach Kezia Dugdale gearan nach robh riaghaltas an SNP a' dèanamh gu leòr leis na cumhachdan ùra a tha aca.

An-diugh cluinnidh sinn barrachd bhon phrìomh mhinistear mu bhuaidh Bhrexit - agus bidh ceistean a bheil reifreann eile dhà-rìrbh air fàire.

Sin obair gu leòr airson latha no dhà.