Èisteachd Phàrlamaideach mun Transocean Winner
- Air fhoillseachadh

Nì Comataidh Thaghte na Còmhdhail aig Westminster rannsachadh air mar a chaidh clàr-ola air na creagan air taobh siar Leòdhais.
Thèid iarraidh air a' chompanaidh Transocean, leis a bheil an clàr, tighinn gu èisteachd airson ceistean a fhreagairt mu na thachair.
Bha an Transocean Winner ga thoirt bho Nirribhidh dhan Tuirc aig toiseach an Lùnastail nuair a bhrist an loidhne ris a' bhàta-slaodaidh.
Às dèidh cola-deug air na sgeirean aig Dail Mòr, chaidh an clàr a ghluasad dhan Loch a Tuath far a bheil e an-dràsta.
'S e Ball nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a dh'iarr gun deadh sgrùdadh a dhèanamh.
Thuirt e gu bheil freagairtean a dhìth mun mheasadh cunnairt a chaidh a dheànamh mus do thòisichear a' gluasad a' chlàr agus carson a chaidh a shlaodadh ann a gèile sa Chuan Shiar.
Cha deach clàr-ama a dhearbhadh fhathast airson an rannsachaidh.
Bàta-slaodaidh
Thuirt Mgr MacNèill cuideachd gu bheil e an dòchas gum beachdaich a' chomataidh air co-dhùnadh Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) gun bàta-slaodaidh a steidheachadh às ùr ann an Steòrnabhagh.
"Chleachd an MCA fianais bho na bu thràithe am-bliadhna, mus deach an Transocean Winner air na creagan, gus an co-dhùnadh aca a ruighinn," thuirt e.
"Tha mi den bheachd nach eil an MCA a' dèanamh an obair a bu chòir dhaibh. Chan eil iad a dìon ar cladaichean," thuirt e.
Thuirt an MCA Dimàirt nach eil feum air dà bhàta-slaodaidh èiginn far chostaichean na h-Alba le aonan mar thà ann an Arcaibh.
Tha dleastanas air a' bhàta dhan chosta an iar cuideachd.