Taic Swinney do MG ALBA

BBC ALBA

Tha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, air taic a chur ris an iomairt airson 's gun cuir am BBC barrachd ris an t-sianal thelebhisein Ghàidhlig, BBC ALBA.

Tha Mgr Swinney, air a bheil uallach na Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba, air a bheachd a thoirt seachad ann an litir gu Stiùiriche Choitcheann a' BhBC, am Morair Hall.

Tha MG ALBA, a bhios a' coimiseanadh phrògraman dhan t-sianal Ghàidhlig, air a bhith a' strì gus taic a bharrachd fhaighinn bhon BhBC airson phrògraman ùra gach seachdain.

Tha am BBC a' toirt beagan agus ceithir uairean de thìde de phrògraman ùra dhan t-sianal gach seachdain ach tha MG ALBA airson 's gun tèid sin suas gu deich uairean san t-seachdain.

Tha MG ALBA cuideachd ag iarraidh gun tèid sin a' sgrìobhadh ann an càirt rìoghail ùr a' BhBC.

Anns an litir a sgrìobh Mgr Swinney dhan Mhorair Hall, tha e ag ràdh gu bheil iarrtas MG ALBA cothromach agus gu bheil taic làidir ann air a shon.

Tha e cuideachd ag ràdh gum biodh taic a bharrachd bhon BhBC na buannachd an dà chuid do luchd-amhairc BhBC ALBA agus do roinn chrùthachail na h-Alba.

Thuirt am BBC roimhe gu bheil iad air na beachdan aca air pàipear geal an Riaghaltais air a' chàirt rìoghail a thoirt seachad cheanna agus gun innis iad tuilleadh anns na mìosan a tha romhainn air mar a chuireas iad ri craoladh air feadh na Rìogahchd Aonaichte, agus gun tèid dearbhadh an uairsin càite an tèid airgead a bharrachd a chosg.