Buidheann ùr deamocrasaidh ga h-iarraidh

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh air comhairlichean air Ghàidhealtachd buidheann a chur air chois a bhios a' coimhead a dh'aona-ghnothaich ri deamocrasaidh a neartachadh san sgìre.

Sheall sgrùdadh a rinn Comharile na Gàidhealtachd gu bheil sluagh na sgìre airson 's gum bi guth nas làidire aca nuair a thèid co-dhùnaidhean a ruighinn.

Am-bliadhna chaidh ochd comtaidhean ùra a stèidheachadh ann an diofar sgìrean den Ghàidhelatachd.

'S e cothrom a th' ann do chomhairlichean gnothaichean a tha a' toirt buaidh air na coimhearsnachdan aca a dheasbad nan sgìrean fhèin.

Thèid iarraidh Diardaoin air comhairlichean coimisean a chur air chois a bhios a' coimhead air an dòigh as fheàrr sin a neartachadh.

Bhiodh 16 duine air a' bhuidhinn, sianar comhairlichean nam measg.

'S e Roy Mair CBE, a bha os cionn a' Choimisein Airson Deamocrasaidh Ionadail, a bhiodh na Chathraiche air a' bhuidhinn.

Thèid iarraidh orra aithisg air an t-suidheachadh a chur a dh'ionnsaigh na Comhairle as t-Earrach seo tighinn.