Tuilleadh stiùbhardan a dhìth

Am Bonn Òir

Tha barrachd dhaoine gan lorg a bhios deònach a dhol nan stiùbhardan aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Steòrnabhagh.

Bidh am Mòd a' tòiseachadh air 14mh là den Damhair, ach tha a' bhuidheann ionadail a tha ga chur air dòigh ag ràdh gu bheil co-dhiù 60 duine fhathast a dhìth airson luchd-frithealaidh farpaisean na fèise a stiùireadh.

"Mniannaichinn gum biodh 140 duine agam no mar sin," thuirt Iain MacArtair, ris a bheil stiùbhardachd an urra aig a' Mhòd.

"Agus aig an ìre seo tha mi faisg air 60, agus le sin tha beàrnan ann fhathast, agus bhithinn glè thoilichte nam biodh duine sam bith as urrainn cuideachadh, nam b' urrainn dhaibh fios a leigeil dhan Chomunn gu h-àraid gum b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh.

"Cha leig iad a leas a bhith a' smaoineachadh gu bheil iad gu bhith ag obair fad na seachdain, no càil den t-seòrsa sin.

"'S dòcha gur e obair maidne, no obair feasgair. Bhiodh aon mhadainn, no aon fheasgar, no aon oidhche, bhiodh sin fhèin na chuideachadh.

"Ach ma tha iad ag iarraidh barrachd a dhèanamh air sin, uell faodaidh iad.

"Tha na stiùbhardan gu math cudromach, ann an dòigh, oir 's iad tha mi a' creidsinn a' chiad daoine a chì an fheadhainn a tha a' tighinn chun a' Mhòid.

"Feumaidh iad a bhith cinnteach gun cuir iad fàilte cheart orra.

"'S iad a bhios aig na dorsan; 's iad a bhios a' cumail rian ann an dòigh air dè tha a' tachairt anns na tallaichean; ag innse dhan duine a tha sa chathair ciamar a tha cùisean a' dol 's cò a th' air tighinn airson a bhith a' co-fharpais.

"Gu h-àraid na làithean a bhios clann a-staigh. Tha tòrr farpaisean a' dol, agus tòrr chloinne a bhios a' ruith air feadh an àite. Tha na stiùbhardan glè mhòr nan cuideachadh airson rian a chumail air sin.

"Ach an rud as motha a bhios aca, 's e dìreach a bhith aig na dorsan agus a' cur fàilte air daoine, 's dòcha uaireannan a' reic thiceadan 's rudan den t-seòrsa sin," thuirt e.

Ma tha ùidh agaibh san obair cuiribh fòn gu oifis a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an Steòrnabhagh - 01851 703 487, neo dh'fhaodadh sibh post-dealain a chur thuca aig peigi@ancommunn.co.uk