Tuilleadh deamocrasaidh air Ghàidhealtachd

Soidhne Chomhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha a' Chomhairle a' coimhead ri deamocrasaidh ionadail a neartachadh

Tha comhairlichean Gàidhealach gu bhith a' coimhead Diardaoin ri buidheann a stèidheachadh airson deamocrasaidh ionadail a neartachadh.

Sheall sgrùdadh a rinn Comhairle na Gàidhealtachd roimhe gu bheil sluagh na sgìre airson 's gum bi guth nas làidire aca nuair a theid co-dhùnaidhean a ruighinn.

Bha beachd ann gu bheil cho sgapte 's a tha an sgìre a' fàgail cuid a' faireachdainn gur ann fad air falbh bhuapa a tha co-dhùnaidhean a bheir buaidh orra gan dèanamh.

Am bliadhna chaidh ochd comataidhean ionadail a stèidheachadh ann an diofar sgìrean dhen Ghàidhealtachd.

A-nis thèid iarraidh air comhairlichean buidheann a chur air chois a bhios a' coimhead ris an dòigh as fheàrr sin a neartachadh.

Bhiodh 16 ball anns a' bhuidhinn ùir - sianar chomhairlichean nam measg - le Roy Mair CBE ann an dreuchd a' chathraiche.

Thèid iarraidh orra aithisg ullachadh a chuireas iad air beulaibh na Comhairle as t-earrach sa tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile