Còrr air leth-mhillean acair fearainn ann an làmhan choimhearsnachdan

Croitean
Image caption Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air millean acair fearainn a bhith fo smachd choimhearsnachdan

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil còrr air 500,000 acair fearainn ann an Alba a-nis fo smachd choimhearsnachdan.

'S e amas an Riaghaltais gun èirich sin gu millean acair.

Thog Rùnaire Ath-leasachaidh an Fhearainn, Roseanna Choineagan, air eisimpleir Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas 's i ag ràdh gu bheil i an dùil gun cruthaich e obraichean agus gum bi barrachd ghoireasan anns a' choimhearsnachd ri linn.

Thuirt Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba ge-tà, gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' gabhail cus gnothaich ri sealbh air an fhearann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile