Càineadh mun Aonta Bhaile

Inbhir Nis

Chaidh càineadh làidir a dhèanamh air ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd mu cho beag adhartais agus cho beag fiosrachaidh a chaidh a thoirt seachad mu Aonta Baile do dh'Inbhir Nis.

Dh'innis ceannard na Comhairle, Màiread Davidson, Diardaoin nach d' fhuair iad sgillinn ruadh bho chuir iad an ainm ris an aonta o chionn sia mìosan.

Tha an Comh. Ailig Greumach ag ràdh, ged nach eil ach sia mìosan ann bho chaidh an t-aonta a dhèanamh, gu bheil deagh ghreis ann bho chaidh bruidhinn air an toiseach.

"Bha an t-Aonta Baile na cheist mhòir anns an taghadh Pàrlamaid ann an 2015, agus bha rudan a' dol air ais 's air adhart bhon uair sin, gus an deach ainm a chur ris a' phàipear," thuirt e.

"'S e sin am pìos mu dheireadh den phròiseas.

"Chan eil ann ach sia mìosan, ach b' urrainn dhaibh aithisg air choireigin a thoirt dhuinn air dè bha a' tachairt anns na sia mìosan sin.

"'S e sin bun na cùise dhomhsa. Carson nach eil fios ga chumail ris an t-sluagh agus carson nach eil iad air a bhith cho fosgailte 's a b' urrainn dhaibh a bhith?" thuirt e.