Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Statins

Tha ath-sgrùdadh air na cungaidhean statins a tha ga fhoillseachadh anns an Lancet ag ràdh nach eil gu leòr ga dhèanamh de am buanachd, agus cus den chron a dh'fhaodadh iad a dhèanamh. Tha mu 6,000,000 duine ann am Breatainn gan gabhail airson colesterol a chumail sìos. Tha cuid diombach mun rannsachadh ge-tà.

Ionadan nam Marbh

Tha teaghlach ann am Moireibh ag iarraidh leasachaidh mhòir air ionadan nam marbh air feadh na dùthcha às dèidh dhaibh uabhas a ghabhail mun staid anns an robh an t-ionad ann an Eilginn. Tha ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ridseard Lochhead, ag ràdh gu bheil e airson 's gun coilean ionadan de a sheòrsa bun-inbhean, an dà chuid dha na mairbh agus an teaghlaichean. Tha e ag iarraidh ionadan marbh nam Poileas a sgrùdadh feuch a bheil iad a' ruighinn na h-ìre a bu chòir.

Coirea a Tuath

Tha na Stàitean Aonaichte air càineadh a dhèanamh air deuchainn niuclasaich ann an Coirea a Tuath, ag ràdh gur e bagairteachd mhòr a th' ann, agus cunnart do sheasmhachd na sgìre. 'S e an còigeamh deuchainn niuclasach ann an Coirea a Tuath, agus tha e a' dol an aghaidh rùintean bho Chomhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte.

An Spàinn

Thàinig trèana far na rèile ann an iar-thuath na Spàinne. Tha aithrisean às an sgìre ag ràdh gun deach grunn dhaoine a mharbhadh. Bha an trèana a' siubhal eadar Vigo agus baile Porto ann am Portagal.

Aonta Baile

Chaidh càineadh a dhèanamh air ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd mu cho beag adhartais a thàinig chun a seo air Aonta Baile Inbhir Nis. Thuirt ceannard na Comhairle an-dè nach d' fhuair iad airgead sam bith fon aonta fhathast, sia mìosan às dèidh ainm a chur ris. Tha fear de chomhairlichean a' bhaile, Ailig Greumach, ag ràdh gum feumar cabhag a chur dhan chùis.

Ailean Esslemont

Tha Ceannard Phrògraman BhBC ALBA, Ailean Esslemont, a' fàgail na dreuchd. Thàinig e gu BBC ALBA bho TG4 ann an Èirinn nuair a chaidh an t-sianal a stèidheachadh ann an 2008. Tha e gu bhith a' tilleadh gu TG4 agus e air obair fhaighinn mar Cheannard air an t-sianal Ghaeilge. Rinn ceannardan MG ALBA agus am BBC an Alba moladh air an obair a rinn e dhan t-sianal.

A' Bhana-phrionnsa Rìoghail

Dhearbh Lùchairt Bhuckingham gu bheil a' Bhana-Phrionnsa Rìoghail air cur às dha na tachartasan poblach aice airson a' chòrr den t-seachdain 's gun i a' faireachdainn gu math. Tha a' Bhana-Phrionnsa, a tha 66, a' fuireach aig Baile Morail an-dràsta. Thathas a' tuigsinn gun deach i fo dheuchainn aig Infirmary Rìoghail Obar Dheathain Diciadain.