Coinneamh phoblach mun Transocean Winner

  • Air fhoillseachadh
Clàr-ola
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh innse an t-seachdain a chaidh gun tèid soitheach a thoirt a-steach airson an Transocean Winner a thoirt dhan Tuirc

Cumar coinneamh phoblach Dimàirt airson fiosrachadh a chumail ri muinntir Leòdhais mun chlàr-ola a chaidh air na creagan air taobh siar Leòdhais.

Tha an Transocean Winner air ceala-deug a chur seachad anns an Loch a Tuath air taobh sear an eilein às dèidh mar a chaidh a shlaodadh far nan creagan aig tràigh Dhail Mhòir.

'S e riochaire Runàire na Stàite, Uisdean Seathach, a bhios na chathraiche air a' choinneimh agus bidh riochdairean ann cuideachd bhon chompanaidh Transocean leis a bheil an clàr-ola, agus a' chompanaidh SMIT Salvage a bha os cionn na h-iomairt salbhaidh.

Thuirt Mgr Seathach gun toir seo cothrom dhan phoball ceistean a chur air-san neo air an fheadhainn eile a bhios an làthair mu na thachras dhan chlàr-ola a-nis.

Chaidh innse an t-seachdain a chaidh gun tèid soitheach a tha comasach air luchdan mòra a ghiùlain a thoirt a-steach airson an clàr-ola a thoirt dhan Tuirc far an tèid a bhriseadh.

Bidh a' choinneamh ann an Talla Cruinneachaidh Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh air Dimairt, an 12mh là den t-Sultain aig 19:30f.