Tiotal eile dha Barraigh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An lìog dha Barraigh

Bhuannaich Barraigh Lìog Uibhist is Bharraigh a-rithist às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Saints an Iochdair 5-1.

Chaidh Saints a-steach dhan gheama ann am Bàgh a' Chaisteil aig mullach na lìge, is Barraigh air puingean a leigeil seachad sa gheama mu dheireadh aca.

Dh'fhàg sin gun dèanadh puing a' chùis dha Saints an Iochdair, is Barraigh feumach air buannachadh.

Rinn iad sin ann an stoidhle.

Chaidh na Barraich air thoiseach tràth, an tadhal a' tighinn bho DJ MacUilleim.

Thàinig fear eile bho Craig MacFheargais is Barraigh air thoiseach 2-0 aig lethach slighe.

Cudromach

Bha an ath-thadhal gu bhith fìor chudromach agus 's e Barraigh a fhuair e.

Gu sgiobalta bha Barraigh 5-0 air thoiseach is an lìog aca, a dh'aindeoin tadhal bho Aonghas Caimbeul dha Saints ro dheireadh a' gheama.

Às dèidh dhaibh feitheamh cha mhòr 50 bliadhna 'son an lìog a bhuannachadh, tha Barraigh a-nise air soirbheachadh dà bhliadhna ann an sreath.

"Cha robh dùil sam bith agam gum biodh e cho math seo, ach bha iad math", thuirt manaidsear Bharraigh, Màrtainn Mac a' Phì.

"An t-seachdain seo chaidh, bha sinn co-ionnan an aghaidh Southend, is tha mi a' smaointinn gun tug sin orra cluich nas fheàrr an t-seachdain seo", thuirt e.

'S e sgioba an ìre mhath òg a th' aig Barraigh, is le doimhneachd sa bhuidhinn cuideachd, bidh iad a-nise ag amas air duaisean a bharrachd anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Chìthear aithris mun gheama air an An Là air BBC Alba oidhche Luain aig 8f.