L & H troimhe
- Air fhoillseachadh

Chaidh sgioba Leòdhais is na Hearadh troimhe dhan ath-chuairt de Chupa Football Times.
Rinn an sgioba a' chùis air Arcaibh 2-0 ann an Alanais Disathairne.
Thàinig an dà thadal san darna leth bho Jim O'Donnell is Anndra Moireach.
Bidh Leòdhas is na Hearadh air am misneachadh is cliù aig Arcaibh mar sgioba a tha gu math comasach.
Bhuannaich iad Cupa Ness air an t-seusan a chaidh.
Bidh Leòdhas is na Hearadh an aghaidh Inbhir Losaidh san ath-chuairt.