Comataidh ionaltraidh ùr Chuil Uaraich
- Air fhoillseachadh

Thagh croitearan Chuil Uaraich ann an Leòdhas comataidh ionaltraidh ùr air an deireadh sheachdain.
Chuir Coimisean na Croitearachd an t-seann chomataidh ma sgaoil sa Ghiblean, 's iad a' fàgail orra nach robh iad air làn-sgrùdadh a dhèanamh air na cunntasan aca.
Chuir an Coimisean an uairsin constabal ionaltraidh os cionn ghnothaichean a' bhaile.
Ach a-niste, tha comataidh ionaltraidh ùr air a thaghadh, a dh'aindeoin litir bhon Choimisean ag ràdh nach bu chòir dhaibh sin a dhèanamh.
Chaidh ceathrar a chur air a' chomataidh ùir, le cothrom aig na croitearan neach eile a chur ris nam biodh feum air sin a dhèanamh.
Bheachdaich na croitearan cuideachd air athchuinge a chaidh a chur timcheall a' bhaile, ag iarraidh comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh agus an conastabal a chur às a dhreuchd.
Chuir 62% den 42 chroitear sa bhaile taic ris an athchuinge.
Cumaidh an constabal coinneamh le croitearan Chuil Uaraich oidhche Mhàirt.