Ciad cheap Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Port Rìgh

Thèid a' chiad cheap a ghearradh Diluain air làrach Bun-sgoil Ghàidhlig ùir ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Tha cosgais an togalaich air èirigh gu còrr 's £10.7m, - £1.5m a bharrachd air na bha dùil.

"'S e là gu math cudromach a tha seo. Là a tha sinn air a bhith a' coimhead air adhart air a shon o chionn iomadach bliadhna a-nise, agus tha sinn air ar dòigh ghlan gu bheil sin a' dol a thachairt an-diugh," thuirt an Comh. Hamish Friseil.

"Bidh an sgoil deiseil deireadh 2017, agus an ciad sgoilearan innte bhiodh sinn an dòchas toiseach 2018," thuirt e.

Sgoil an Ath Leathainn

Tha am pròiseact connspaideach agus fiù 's Comhairle Choimhearsnachd Phort Righ air a bhith a' ceasnachadh a bheil feum air sgoil ùr sa bhaile.

Tha cuid air a bhith a' ceasnachadh carson a thathas a' cosg airgid air a leithid nuair a tha feum air càradh air na sgoiltean a th' ann, leithid Sgoil an Ath Leathainn.

"Tha sin ceart gu leòr, agus tha daoine ceart a ràdh rudan mar sin," thuirt an Comh. Friseal.

"Tha Sgoil an Ath Leathainn ann an staid a tha dìreach deamhnaidh uile gu lèir.

"Tha i dìreach feumach air a leagail agus rud ùr a chur na h-àite.

"Tha sgoil an dèidh a bhith ann an sin o chionn iomadach bliadhna, agus feumaidh sinn sgoil ùr a thogail ann an sin.

"Tha sinn an dèidh a bhith ag obair air sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh airson iomadach bliadhna a-nis, agus tha sinn a' faighinn sreath airgid à àiteachan eile, nach eil a' tighinn a-steach airson Beurla, airson a bhith a' dèanamh rudan mar sin.

"Tha e a cheart cho cudromach gu bheil Gàidhlig air a coimhead às a dèidh, ach tha sinn cuideachd a' coimhead gu math dlùth agus gu math dìcheallach air na sgoiltean a tha feumach air a bhith air an ùrachadh anns an Eilean Sgitheanach agus tron Ghàidhealtachd.

"Ach 's e là mòr a th' ann an-diugh airson foghlaim Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach.

"Tha a' chlann òg a' dol a dh'fhaighinn ghoireasan math, sgoil ùr, agus cuiridh sin, tha mi a' deagh chreidsinn agus an dòchas, foghlam Gàidhlig ann an deagh staid agus deagh shuidheachadh airson iomadach bliadhna ri tighinn," thuirt e.